Norovirus an Ospadal an Rathaig Mhòir

  • 29 An t-Sultain 2014
Norovirus
Image caption 'S e seo an dàrna turas a tha Norovirus air buaidh a thoirt air ospadal an Rathaig Mhòir am-bliadhna.

Chaidh uard 2A aig ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis a dhùnadh 's an tinneas Norovirus a' sgapadh ann às ùr.

Tha an tinneas air buaidh a thoirt air ochdnar euslainteach.

Tha seachdnar dhuibh air a bheil comharran an tinneis, agus tha e air a dhearbhadh ann an aon euslainteach eile

'S e seo an dàrna turas a tha Norovirus air buaidh a thoirt air ospadal an Rathaig Mhòir am-bliadhna.

Chaidh uard 6C a dhùnadh anns an Òg-Mhìos ri linn an tinneis.

Thuirt an Dtr Jonty Mills bho NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad ag iarraidh air luchd-tadhail gun tighinn chun ospadail ma tha comharran an tinneis air a bhith orra san dà là ro-làimh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile