Dragh mu sheirbheisean smàlaidh eileanach

  • 24 An t-Sultain 2014
Carbad-smàlaidh
Image caption Tha ceist ann mu cho seasmhach 's a tha an t-seirbheis ann an cuid de choimhearsnachdan anns na h-Eileanan Siar.

Nochd rabhadh bho Sheirbheis Smàlaidh is Cobhair na h-Alba gu bheil e a' fàs nas duilghe dhaibh luchd-smàlaidh pàirt-ùine fhastadh ann an cuid de choimhearsnachdan nan Eilean Siar.

Tha Scalpaigh, an t-Òb agus ceann a tuath Uibhist am measg nan sgìrean as motha anns a bheil duilgheadas, agus tha iad ag ràdh gum faodadh sin an t-seirbheis anns na sgìrean sin a chur ann an cunnart.

A rèir a' chomhairliche Tormod MacLeòid, 's e pàirt den trioblaid gum bi tòrr dhaoine a tha a' fuireach air an tuath ag obair ann an Steòrnabhagh agus, mar sin, nach urrainn dhaibh an dleastanas a ghabhail.

Sluagh nas sine

"Tha sinn a' faicinn nach eil tòrr òigridh ann an feadhainn de na h-àiteachan sin agus 's e seann daoine gu lèir a th' ann agus, mar sin, do dhaoine a ruig aois mu 50 agus còrr is 50, chan urrainn dhaibh a thighinn a-steach dhan t-seirbheis a thaobh slàinte 's rudan den t-seòrsa sin," thuirt e.

"Feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh cabhagach ach am faigh sinn daoine a chuidicheas leis an duilgheadas a th' againn anns na h-Eileanan an-dràsta."

Chaidh moladh gun deadh coimhead ri leithid luchd-obrach an h-ola, a dh'fhaodadh a bhith aig an taigh anns na h-Eileanan airson dàrna leth na h-ùine.

"Tha mise a' smaoineachadh gum bu chòir a h-uile duine a th' anns na coimhearsnachdan, ma tha e comasach dhaibh idir, cuideachadh le bhith a' toirt seachad na seirbheis, agus ma tha iad aig an taigh airson cola-deug bhiodh sin mìorbhaileach math," thuirt an Comh. MacLeòid.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile