Iomagain mu sgoiltean Sgitheanach

  • 24 An t-Sultain 2014
Bun-sgoil Dhùn Bheagain
Image caption 'S ann ann an Dùn Bheagan a dheadh sgoil ùr a thogail

Tha pàrantan anns an Eilean Sgitheanach a' fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd gun do chùm iad co-chomhairleachadh poblach mu bhith a' dùnadh trì sgoiltean na bu thràithe na bha dùil ann an oidhirp laghan ùr, a chuireas tuilleadh dìon air sgoiltean dùthchail, a sheachnadh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am beachd ceithir bun-sgoiltean a dhùnadh ann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich - san t-Sruthan, Cnoc Breac ann am Bhatarnais, An t-Aodann Bhàn agus ann an Dùn Bheagan.

Thogadh iad sgoil mhòr ùr nan àite ann an Dùn Bheagan.

Tha cuid de phàrantan a' gearain mu dhìth conaltraidh agus iad a' cumail a-mach gu bheil ceist ann an ann airson maith foghlam na cloinne, no airson airgead a thogail, a thathas a' coimhead ri na sgoiltean a dhùnadh.

Ceistean

Tha Frances NicIlleathain, aig a bheil clann ann am Bun-sgoil an Aodainn Bhàin, ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' faighneachd cheistean agus a' sgrìobhadh litrichean airson bliadhna gu leth, ach gur e glè bheag de fhreagairtean a fhuair iad.

Tha dragh oirre gun do chùm Comhairle na Gàidhealtachd co-chomhairleachadh poblach mu na planaichean na bu thràithe na bha dùil - sin mus tàinig Achd ùr na Cloinne, a chuireas dìon nas fheàrr air sgoiltean dùthchail, gu bith air an 1mh là den Lùnastal.

Fon Achd sin, feumar coimhead ris a h-uile roghainn mus tèid co-dhùnadh sgoil bheag dhùthchail a dhùnadh.

Tha an t-Achd sin cuideachd a' fàgail gum feumar coimhead ris a' bhuaidh a bheireadh dùnadh na sgoile air a' choimhearsnachd anns a bheil i.

Astar

Tha Fiona NicDhòmhnaill, aig a bheil nighean ann am Bun-sgoil a' Chnuic Bhric ann am Bhatarnais, draghail mu cho fada 's a bhiodh aig cuid de chloinn siubhail ma thèid gabhail ri planaichean na Comhairle.

Tha i cuideachd a' cumail a-mach nach deach coinneamhan gu leòr a chumail airson fiosrachadh a chumail ri pàrantan air an toireadh dùnadh nan sgoiltean buaidh.

Tha fear de bhuill-pàrlamaid Albannach na sgìre, Daibhidh MacThòmais, a-nis air a dhol an sàs anns a' ghnothach, 's e a' gealltainn gun tèid coimhead ris aig ìre riaghaltais.

"Tha mi 'n dòchas gun tig a' Chomhairle air ais thugam a ràdh gu bheil iad dha-rìribh a' leantainn na tha air a chur mun coinneimh ann an Achd 2014, agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh na gnothaichean sin a thoirt air na tha iad a' moladh," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt Chomhairle na Gàidhealtachd gun d' fhuair iad litir Mhgr MhicThòmais agus gum faigheadh e freagairt fhathast.

Tha dùil gun tèid aithisg mu na molaidhean air beulaibh chomataidh an fhoghlaim san t-Samhain, agus gum beachdaich an làn-chomhairle air a' chùis san Dùbhlachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile