Eaglais
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Tuilleadh mì-chinnt air Taobh Siar Rois

23 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh air Taobh Siar Rois mu na tha an dàn do dh'eaglaisean na sgìre.

Tha e air nochdadh gu bheil èildearan Eaglais na h-Alba ann an Loch Carrann am beachd an eaglais fhàgail - sin an dèidh mar a dh'innis dithis mhinistear Eaglais na h-Alba san sgìre gun robh iad a' fàgail, 's iad am beachd gluasad chun na h-Eaglaise Saoire.

Ach tha coitheanalan gach eaglais air crìonadh gu mòr thàiris nam bliadhnaichean, agus tuilleadh mì-chinnt air thoiseach orra.

Seo Calum MacIlleathain.