Sgoil an t-Òib
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Buidhnean Hearach draghail mu mhàl

23 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha eagal ann an Ceann a Deas na Hearadh nach bi e comasach do chuid de bhuidhnean coimhearsneachd cumail a' dol, ma thèid àrdachadh a dhèanamh air màl nan seòmraichean sgoile.

Aig an ìre seo, tha e a' cosg £7.20 san uair seòmar sgoile fhaighinn air màl, ach tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air a' phrìs a chur an-àirde gu £30.

Tha an fheadhainn a tha a' ruith Fèill Àiteachais Cheann a Deas na Hearadh ag ràdh gu bheil seo a' fàgail ceist mu choinneimh na fèile san àm ri teachd.

Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.