Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Atharrachadh Bun-reachdail

Tha Daibhidh Camshron a' coinneachadh ri àrd-bhuill a' Phàrtaidh Thòraidhich an-diugh a dheasbad nam planaichean aige airson atharrachaidhean bun-reachdail. Tha am Prìomh Mhinistear air a ràdh gu bheil e airson 's gun tèid na còirichean bhòtaidh aig Buill-Phàrlamaid Albannach ann an Westminster a chuingealachadh, aig a' cheart àm 's a thèid tuilleadh chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba.

Thuirt Mìcheal Foxley, a bha na cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil e an dùil gum bi referendum eile ann mu neo-eisimeileachd ann an Alba an taobh a-staigh còig bliadhna. A rèir Mhgr Foxley, a tha na bhall de na Libearalaich Dheamocratach ach a thug taic dhan iomairt Bu Chòir, tha cunnart ann nach nochd cumhachdan a bharrachd do Phàrlamaid na h-Alba mar a chaidh a ghealltainn, agus gun tèid cur às do dh'Fhoirmle Bharnett.

Sochairean Cloinne

Dh'aidich an Seansalair Dùbhlannach, Ed Balls, gum bi aig na Làbaraich ri tuilleadh ghearraidhean a dhèanamh air sochairean cloinne ma bhuanaicheas iad an ath-thaghadh coitcheann. Tha Riaghaltas na Co-bhanntachd mar thà air àrdachaidhean ann an sochair na cloinne a chuibhreachadh aig 1% gu 2016. Tha Mgr Balls ag ràdh gun tèid sin a leudachadh gu 2017 airson easbhaidh ionmhais na Rìoghachd Aonaichte a lùghdachadh.

Tesco

Chaidh ceathrar de dh'àrd-oififich Tesco a chur às an dreuchdan rè ùine, agus a' chompanaidh bhùithdean bidhe a' rannsachadh mar a chaidh iad £250m thairis nan tuairmse mu phrothaidean airson dara leth na bliadhna. Tha luchd-cunntais agus eòlaichean lagha a' rannsachadh dè chaidh ceàrr. Thuit luach earrainnean Tesco air na margaidhean 11% ris an naidheachd.

Uisge-beatha

Thuit na chaidh a reic de dh'uisge-beatha thall-thairis anns a' chiad leth den bhliadhna an coimeas ris an aon àm a' bhòn-uiridh. Thuirt Comann Uisge-bheatha na h-Alba gun deach uisge-beatha luach £1.77bn a reic anns a' chiad leth de 2014. Sin lùghdachadh de 11%. Tha iad a' cur a' choire gach cuid air neart an Not, agus mar a tha ìrean fàis dhùthchannan mar Sìona agus na h-Ìnnseachan air tuiteam.

An Stàit Ioslamach

Thuirt an t-seann Phrìomhaire Tony Blair nach bu chòir do Bhreatainn co-dhùnadh nach cuir i saighdearan chun an Ear-Mheadhanaich a shabaid ri radaigich na Stàite Ioslamaich. Ann an agallamh leis a' BhBC thuirt e gun cuireadh ionnsaighean adhair bacadh air IS, ach nach cuireadh iad às dha na radaigich.

Seirbheisean Slàine na Hearadh

Bidh coinneamh air an Tairbeart anns na Hearadh a-nochd airson bruidhinn mu sheirbheisean slàinte na sgìre. Tha na dotairean ionadail air roghnachadh sguir a bhith a' toirt seachad seirbheisean ceithir uairean fichead. Chan eil Comhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh idir toilichte leis mar a tha Bòrd Slàinte na sgìre air a' chùis a làimhseachadh. Bidh a' choinneamh ann an Sgoil Sir E. Scott aig 7:30f.