Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Referendum

Tha daoine air feadh Alba a' bhòtadh anns an referendum. Chan eil ach aon cheist air a' phàipear-baileat: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?" Dùinidh na stèiseanan bhòtaidh aig 10:00f, agus tha dùil gun tòisich toradh na bhòta a' tighinn a-steach ann an uairean beaga na maidne.

Alice Gross

Thuirt Poilis a tha a' sireadh an deugaire Alice Gross, gu bheil iad an amharas gun robh gnothach aig fear à Latbhia, Arnis Zalkalns, ri mar a chaidh i a dhìth. Chaidh Mgr Zalkalns, a tha 41 bhliadhna de dh'aois, agus ag obair mar fhear-togail, fhaicinn agus e a' coiseachd ri taobh canàil ann an Lunnainn far an deach Alice fhaicinn mu dheireadh air an 28mh là den Lùnastal. Thuirt oifigearan gu bheil Zalkalns, a chaidh a dhiteadh airson muirt ann an Latbhia, a-niste air a dhol a-mach à sealladh.

Astràilia

Thuirt Prìomhaire Astràilia, gun robh radaigich le ceanglan ris an Stàit Ioslamaich, a' cuilbheart gus an ceann a thoirt far ball den phoball. Bha Tony Abbot a' bruidhinn às dèidh dha na ceudan oifigearan poilis rèadan a dhèanamh air seòlaidhean air fadh Sidnidh. Chaidh 15 duine a chur an grèim anns an iomairt as motha riamh a chaidh a dhèanamh an aghaidh ceannairc ann an Astràilia.

Swansea

Chaochaill boireannach ann an cùl charbad-eiridinn a bha a' feitheamh ann an sreath de mu 15 carbadan èiginn taobh a-muigh ospadail ann an Swansea. Thuirt Seirbheis Charbadan-èiridinn na Cuimrigh gun robh an t-ionad A&E air a bhith air leth trang aig an àm, ach gun deach measadh meidigeach a dhèanamh air a' bhoireannach, agus gun robh i fo chùram dhotair nuair a chaochaill i.

Taigh Dhùn Eun

Chaidh togalach eachdraidheil air iomall Inbhir Nis a sgrios ann an teine an-raoir. Bha 50 luchd-smàlaidh an sàs ann a bhith a' feuchainn ri Taigh Dhùn Eun, ri taobh an A82, a shàbhaladh. Chaidh an togalach, a th' air a bhith falamh fad bhliadhnaichean, na theine mu 10:30f.

George Hamilton IV

Chaochaill an seinneadair country ainmeil George Hamilton IV. Bha e 77, agus bha e air a bhith anns an ospadal anns na Stàitean Aonaichte bho dh'fhulaing e grèim-cridhe Disathairne.

Royal and Ancient

Agus foillsichidh an Cluba Goilf Royal and Ancient a-nochd, a bheil buill a' chluba air bhòtadh airson ballrachd a thabhainn do bhoireannaich. Chaidh faisg air 2,500 baileat puist a thilleadh chun a' chluba ann an Cille Rìmhinn, a th' air a bhith a' diùltadh boireannaich a ghabhail o chaidh a stèidheachadh ann an 1754.