Iomairtean a' beachdachadh mun "ghealladh"

  • 16 An t-Sultain 2014
Ed Miliband, Daibhidh Camshron agus Nick Clegg Image copyright Various
Image caption Tha ceannardan nan trì prìomh phàrtaidhean aig Westminster air an ainm a chur ri pàipear a' gealltainn chumhachdan susbainteach a bharrachd do dh'Alba.

Tha gach taobh san deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba air beachd a thoirt air gealltanas a rinn ceannardan nan trì prìomh phàrtaidhean aig Westminster gus tuilleadh chumhachdan a sgaoileadh.

Tha an gealladh, a chaidh a shoidhneadh le Daibhidh Camshron, Nick Clegg agus Ed Miliband, cuideachd a' gealltainn gun tèid beartas na Rìoghachd Aonaichte a roinn a-mach gu cothromach agus gun tèid Foirmle Bharnett a ghlèidheadh.

Tha an iomairt 'Bu Chòir' air a ràdh gu bheil e "tàireil" don luchd-bhòtaidh, 's iad a' ceasnachadh carson a thug e cho fad seo a thairgsinn.

Thuirt 'Nas Fheàrr Còmhla' gun robh e na "shealladh a bheir sluagh na h-Alba còmhla".

'An Gealladh'

Tha 'An Gealladh', a chaidh a shoidhneadh le ceannardan nan Tòraidhean, nan Làbarach 's nan Lib-Deamach ann an Westminster, a' nochdadh air duilleig aghaidh an Daily Record.

Image copyright Daily Record

Tha a' chiad phàirt den aonta a' gealltainn "chumhachdan susbainteach ùra" do Phàrlamaid na h-Alba, fon chlàr-ama ris an deach aontachadh leis na pàrtaidhean mòra ann an Westminster roimhe.

Tha an dàrna pàirt ag ràdh gu bheil na ceannardan air aontachadh gun tèid beartas na Rìoghachd Aonaichte a roinn a-mach gu cothromach, gus cothroman is sàbhailteachd a thoirt dhan a h-uile duine ann an Alba agus a h-uile duine san Rìoghachd Aonaichte cuideachd.

Tha an treas pàirt ag ràdh "gu deimhinneach" gur ann aig Pàrlamaid na h-Alba a bhios smachd air mar a thèid an NHS a mhaoineachadh, leis gun cùm iad orra le Foirmle Bharnett - am foirmle a tha a' dearbhadh na tha dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte a' faighinn de dh'airgead à Westminster, a rèir na th' aca de shluagh.

A' bruidhinn ris a' BhBC às leth Bu Chòir Alba, rinn Ms Sturgeon fanaid air tomhas-ama agus fìreantachd a' ghealltanais.

Thuirt i: "Ma bhathas dha-rìribh an dùil tuilleadh chumachdan a thoirt do dh'Alba, carson nach do thachair e roimhe?

"Tha Buill-Phàrlamaid Thòraidheach, Crìsdean Chope nam measg, mar-thà air a ràdh gun cuireadh iad stad air an leithid. Ma bhòtas sinn an aghaidh neo-eisimeileachd, cha bhi barantasan sam bith ann."

'Tàireil'

Chuir Ms Sturgeon às leth phàrtaidhean an Aonaidh gun robhar a' dèiligeadh ris an luchd-bhòtaidh ann an dòigh tàireil.

A' freagairt ciamar a bheireadh bhòt 'Bu Chòir' "beatha nas fheàrr" do mhuinntir na h-Alba, thuirt i: "Chan e slat-dhraoidheil a th' ann an neo-eisimeileachd, ach 's e cothrom air leth a th' ann.

"'S urrainn dhuinn beatha a leasachadh, cha thachair e ann an aon oidhche, ach tro thìde."

Chaidh Rùnaire Dùbhlanach nan Dùthchannan Cèine às àicheadh gun robh an gealltanas air cumhachdan air a thighinn ro anmoch san deasbad.

Thuirt Dùghlas Alexander:"An seo ann an Alba, tha sinn air a bhith a' bruidhinn mu na cumhachdan seo airson grunn mhìosan. 'S e a tha sinn ag ràdh an-diugh, gum faod a' chuid as fheàrr den dà shaoghal a bhith againn. Faodaidh pàrlamaid Albannach nas làidire a bhith againn, ach le neart, seasmhachd agus tèarainteachd na Rìoghachd Aonaichte.

"Tha an gealladh sin, gealladh gun urrainn atharrachadh nas luaithe, nas sàbhailte, agus nas fheàrr tighinn, mar shealladh a bheir sluagh na h-Alba còmhla."

Thuirt e cuideachd: "Chan eil mise den bheachd gu bheil e na adhbhar nàire poileasaidhean fhoillseachadh air duilleig aghaidh phàipear-naidheachd le beagan làithean ri dhol. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iomairt 'Bu Chòir' a-nis a' strì.

"Thàinig na cunnartan eaconamach gu mòr am follais an t-seachdain seo chaidh agus, aig a' cheart àm, tha sinne a' tabhann atharrachaidh nas luaithe, nas sàbhailte agus na fheàrr do dh'Alba."

Chan eil Mgr Alexander idir a' gabhail ri beachd 'Bu Chòir' gur e neo-eisimeileachd an aon dòigh anns am faigh sluagh na h-Alba an riaghaltas dhan do bhòt iad.

Dà là ri dhol

Chaidh na geallaidhean a mhìneachadh o thùs leis an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, agus chur na trì prìomh phàrtaidhean aig Westminster taic riutha.

Image copyright PA
Image copyright Getty Images

Le dà là de dh'iomairt ri dhol ron referendum, bidh aire 'Bu Chòir' air obraichean agus an NHS, fhad 's a bhios 'Nas Fheàrr Còmhla' a' gealltainn atharrachaidh agus "Breatainn nas fheàrr".

Choinnich an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, agus Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, ri luchd-obrach einnsinnìridh ann an Rinn Friù, 's iad ag argamaid gur e neo-eisimeileachd a-mhàin a bheir leudachadh air eaconamaidh na h-Alba, agus a chruthaicheas obraichean is cothroman.

Coinnichidh Nicola Sturgeon an uair sin ri luchd-obrach cùraim, gus bruidhinn mun NHS agus ath-leasachadh shochairean.

Ro-làimh, thuirt i: "Ann an dìreach dà là, fosglaidh ionadan-bhòtaidh agus bidh àm ri teachd na h-Alba ann an làmhan an luchd-bhòtaidh. 'S e neo-eisimeileachd ar cothrom gus àm ri teachd nas fheàrr a thogail - a' cruthachadh obraichean agus a' dìon an NHS.

"'S e bhòt 'Bu Chòir' a-mhàin a nì cinnteach gu bheil làn-chumhachd againn a thaobh obraichean a chruthachadh - a' leigeil leinn tuilleadh obraichean, agus obraichean nas fheàrr a chruthachadh air feadh na dùthcha."

NHS

A' bruidhinn aig tachartas 'Nas Fheàrr Còmhla' ann am Bruach Chluaidh, chuir an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, às leth an SNP gun robhar "ag innse nam breug" mu bhith a' cur dìon air an NHS le neo-eisimeileachd.

Thuirt Mgr Brown: "Tha mise den bheachd gu bheil daoine a' dol a thighinn chun a' cho-dhùnaidh gur e an t-atharrachadh a thathas dha-rìribh ag iarraidh, Pàrlamaid Albannach taobh a-staigh na RA, 's nach e an t-atharrachadh a tha an SNP ag iarraidh - an ùpraid a thig bho bhith nar stàit sgaraichte.

"Tha a' bhreug mun NHS aig Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a-nis nochdte.

"Leis na cumhachdan a th' aice an-dràsta, 's urrainn do Phàrlamaid na h-Alba an NHS a chumail ann an làmhan poblach."

Thuirt e cuideachd: "Ma leanas an SNP orra ag ràdh nach eil cumhachdan aca an NHS a dhìon ann an Alba, gluaiseadh iad a-mach às an rathad agus cuiridh riaghaltas Làbarach dìon air an NHS."

Nas fhaide dhen là, canaidh ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, gur e rud maireannach a th' ann an neo-eisimeileachd agus nach urrainn dhuinn a' leigeil seachad ann am bliadhna no dhà, ma 's e agus gu bheil cùisean air a dhol ceàrr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile