Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Referendum

Tha gach taobh anns an deasbad air neo-eisimeileachd air greimeachadh air gealladh a chaidh a thoirt seachad le pàrtaidhean mòra an Aonaidh tuilleadh chumhachdan a thoirt do dh'Alba ma dh'fhanas i anns an Rìoghachd Aonaichte. Chuir Daibhidh Camshron, Ed Miliband agus Nick Clegg an ainmean ri cùmhnant a tha cuideachd a' gealltainn gun tèid beartas na Rìoghachd a roinn a-mach gu cothromach, agus gun tèid Foirmle Bharnett a ghlèidheadh. Thuirt an iomairt Bu Chòir nach e cumhachdan ach uallaichean a bha Westminster a' tabhainn, agus gun robh tàire ga dhèanamh air an luchd-bhòtaidh. Thuirt Nas Fheàrr Còmhla gu bheil na geallaidhean a' toirt cothrom do dh'Albannaich tighinn còmhla.

NHS na h-Alba

Tha beàrn ionmhais de chòrr is £400m fa chomhair an NHS ann an Alba a rèir fhiosrachaidh a chaidh fhaicinn leis a' BhBC. Tha na pàipearan, a chaidh a dheasbad aig coinneimh de cheannardan bhòrd slàinte agus seirbheisich chatharra anns an Lùnastal, ag ràdh gu bheil atharrachaidhean radaigeach a dhìth airson buidseat an NHS a chothromachadh. Thuirt ceannard Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling, gu bheil an iomairt airson neo-eisimeileachd air am poball a mhealladh. Ach thuirt Ailig Salmond gu bheil na sàbhalaidhean nam pàirt àbhaisteach de a bhith a' stiùireadh na seirbheis slàinte.

Coimiseanair Phoileas

Às dèidh seachdainnean de chàineadh, tha Coimiseanair Phoileas Yorkshire a Deas, Shaun Wright, air a dhreuchd fhàgail. Tha e air a bhith a' diùltadh a dhreuchd a leigeil dheth, às dèidh dha tighinn am bàrr gun robh na ceudan chlann-nighean air ionnsaighean drabasta fhulang ann an Rotherham thairis air na bliadhnaichean. 'S e Mgr Wright an comhairliche a bha os cionn seirbheisean cloinne ann an Rotherham eadar 2005 agus 2010.

Ìre na h-Atmhorachd

Sheall àireamhan ùra gun do thuit ìre na h-atmhorachd gu 1.5% anns an Lùnastal - sìos bho 1.6% air a' mhìos ron a sin. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gur e ìsleachadh ann am prìsean bìdhe agus deoch as motha a dh'adhbharaich an lùghdachadh anns an CPI.

Thailand

Tha poilis a tha a' rannsachadh murt dithis Bhreatannach ann an Thailand ag ràdh gu bheil an sgrùdadh aca a-niste air tionndadh gu luchd-obrach à Burma. Chaidh Hannah Witheridge is Daibhidh Miller fhaighinn marbh air eilean Koh Tao madainn an-dè.

Lidl

Tha a' chompanaidh bhùithdean Lidl an dòchas stòr ùr fhosgladh ann an Inbhir Narann. Tha a' chompanaidh airson a' bhùth, a chosgadh £10m, a thogail air taobh sear a' bhaile, faisg air bùth Sainsbury's. Tha iad ag ràdh gun cruthaicheadh an leasachadh suas ri 80 obraichean ùra.