Bùth mhòr eile air fàire do Phort Rìgh

  • 16 An t-Sultain 2014
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Chan eil ach an Co-op a' ruith bhùithdean mòra san Eilean Sgitheanach an-dràsta.

Dh'fhaodadh gum bi luchd-iomairt a tha ag iarraidh bùth mhòr ùr ann am Port Rìgh ceum nas fhaisge air an amas Dimàirt agus dà iarrtas bho luchd-leasachaidh air beulaibh chomhairlichean na Gàidhealtachd.

An-dràsta, chan eil ach an Co-op a' frithealadh luchd-ceannaich an eilein le bùth mhòr an-dràsta agus tha gearainnean air a bhith ann mun t-seirbheis aca.

Ach tha rabhadh air tighinn bhon Cho-op mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith orra ma thèid gabhail ris na planaichean.

Tha a' chompanaidh Rubicon Land, ann an co-bhann le Comann Taigheadais an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, a' moladh bùth mhòr le stèisean peatroil air fearann a bhuineas dhan chomann taigheadais air iomall Phort Rìgh, an ear-thuath air bùth mhòr a' Cho-op.

Aonta

'S ann bho chompanaidh air a bheil Oatridge Eta a tha an dàrna iarrtas, agus iadsan a' sireadh cead airson bùtha beagan nas motha, cuideachd le stèisean peatroil na cois, cha-mhòr anns an aon sgìre, ach nas fhaide air falbh bho leasachaidhean mòra eile.

Tha iadsan a' moladh cuideachd rathaid ùir a bhiodh a' ceangail Rathad Stafainn ri Rathad Dhùn Bheagain.

A dh'aindeoin 's gum biodh an dà iarrtas an aghaidh a' phlana ionadail, leis gu bheil an talamh air a bheileas ag amas air a dhìon ann am prionnsabal bho leasachadh, tha oifigearan dealbhachaidh a' moladh cead a thoirt seachad do phlana Rubicon Land agus a' Chomainn Thaigheadais, agus an t-iarrtas eile a dhiùltadh.

Tha buidheann dìon na h-àrainneachd SEPA an aghaidh plana Oatridge Eta, agus tha am fear leis a bheil am fearann air a ràdh nach eil aonta eadar e fhèin agus an luchd-leasachaidh, agus nach bi.

Tha na h-oifigearan dealbhachaidh a' toirt rabhaidh gum biodh dà bhùth mhòr ùr cus do Phort Rìgh.

Tha an Co-op a' cur an aghaidh an dà leasachaidh gu h-oifigeil, agus iad ag ràdh gun toireadh iad droch bhuaidh air na figearan aca, le call eadar an cairteal agus an treas cuid a h-uile bliadhna, agus gun cuireadh iad na bùithdean mòra a th' aca ann am Port Rìgh agus anns an Ath Leathann ann an cunnart.

Tha an Co-op ag ràdh cuideachd, nan deadh cead a thoirt don dàrna iarrtas - a thathas a' moladh a dhiùltadh - gun dùineadh sin na bùithdean aca san eilean.