Ceathrar gan toirt far Beinn Nibheis

  • 12 An t-Sultain 2014

Chaidh luchd-teasairginn beinne a ghairm gus cobhair a dhèanamh air teaghlach air Beinn Nibheis tràth madainn Dihaoine.

Chaidh an ceathrar a thoirt far na beinne an dèidh mar a chaidh duine aca a ghoirteachadh.

Thathas a' tugisinn gu do thuit an duine air creagan fhad 's a bha iad a' teàrnadh air a' bheinn san dorchadas.

Tha na Poilis ag ràdh gun do lorg buill de Sgioba Theasairginn Beinne Loch Abar a' bhuidheann aig an drochaid fhiodha air an earrainn as ìsle den cheum phoblach, agus gun do choisich iad far na beinne leis an sgioba gu sàbhailte.

Thathas a' tuigsinn gun robh a' bhuidheann claoidhte, ach nach robh feum aig duine aca air cobhair mheidigeach.