Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pistorius

Chaidh an lùth-chleasaiche à Afraga a Deas, Oscar Pistorius, fhaighinn ciontach fo chasaid gun do rinn e marbhadh le coire nuair a loisg e le gunna air a leannan, Reeva Steenkamp, aig a dhachaigh ann am Pretoria sa Ghearran an-uiridh. Chaidh a shaoradh an-dè bho chasaid murt. Thuirt am britheamh, Thokozile Masipa, sa chùirt ann am Pretoria an-diugh, gun robh e gun chùram do Mhgr Pistorius an gunna a' losgadh, ach gun do dh'fhàilnich e air an stàit dearbhadh gun robh e na bheachd ro-làimhe Ms Steenkamp a mharbhadh. Dh'fhaodadh binn cho fada ri 15 bliadhna sa phrìosan a bhith mu choinneimh.

Referendum

Thuirt ceannard UKIP, Nigel Farage, gum feumadh Alba neo-eisimeileach, le ballrachd anns an Aonadh Eòrpach, cùl a chur ris an Not, an Euro a chleachadh mar airgead, agus a crìochan a bhith fosgailte do dh'in-imreachd gun smachd. Thuirt e gum biodh Alba neo-eisimeileach fo riaghladh às a' Bhruiseal. Bidh Mgr Farage ann an Glaschu an-diugh, a' cur taic ris an Aonadh, rud nach eil a' còrdadh ro mhath ris an iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd, Nas Fheàrr Còmhla, a thuirt nach eil gnothach acasan ri a thuras.

Tha ceannard na seirbheis catharra, Sir Jeremy Heywood, a' dol às àicheadh gun do bhris Roinn an Ionmhais ann an Lunnainn an lagh mar dhòigh air cron a dhèanamh air an iomairt airson neo-eisimeileachd do dh'Alba. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ag ràdh gun deach fiosrachadh, nach bu chòir, a thoirt dha na margaidhean ionmhais mu phlanaichean Bhanca Rìoghail na h-Alba, nam biodh bhòt ann airson neo-eisimeileachd.

Fearann

Thàinig Comhairle nan Eilean Siar agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gu aonta air co-bhanntachd oifigeil a bheir cuideachadh do bhuidhnean a tha ag iarraidh fearann a cheannach agus do dh'fheadhainn tha ag iarraidh tuilleadh leasachaidh. Tha iad cuideachd a' beachdachadh air dè an dòigh as fheàrr air dèiligeadh ri riaghailtean glèidhteachais agus taic-airgid Eòrpach dha na sgìrean iomallach.

Baidhsagalan

Tha dragh fhathast air mòran mun chuairt bhaidhsagal a-màireach air rathad an A82 tuath bhon Chrìon Làraich, tron Ghearasdan gu ruige Cille Chuimein, anns a bheil 800 duine gu bhith a' gabhail pàirt. Tha feadhainn de mhuinntir a' Ghearasdain am measg na tha ag ràdh gu bheil cunnart ann, leis cho trang 's tha an rathad co-dhiù, gum bi tubaistean ann, maill air trafaig agus maill air na seirbheisean èiginn.

Iachtaichean

Rinn bàta-teasairginn Bharraigh cobhair feasgar an-dè air iacht. le ceathrar orra, mu dhusan mìle an iar-thuath air Barraigh. Chaidh am bàta-teasairginn a-mach goirid ro 5.00f agus tharraing i an iacht air ais a Bhàgh a' Chaisteil.

Haidridean

Thuirt luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Ghlaschu gun do rinn iad adhartas mòr ann an cruthachadh connadh haidridean le uisge. Thuirt sgioba Ghlaschu gu bheil am pròiseas ùr 30 tursan nas luaithe na am pròiseas a th' ann an-dràsta.