Duine ga lorg air a' Chliseam

  • 10 An t-Sultain 2014
An Cliseam Image copyright Richard Barrett / Geograph
Image caption Chuir an duine oidhche seachad air a' Chliseam.

Chaidh cobhair a dhèanamh air fireannach a bh' ann an èiginn air a' Chliseam anns na Hearadh.

Chaidh an duine, 62, a dhìth Dimàirt, 's e na phàirt de bhuidheann a bha a' sreap na beinne.

Thòisich luchd-teasairginn iomairt mu 3.30f Dimàirt ach cha robh sgeul air an duine agus chuir e seachad an oidhche a-muigh.

Fhuair heileacoptair nam maor-cladaich lorg air mu 8.35m Diciadain agus chaidh a thoirt dhan ospadal ann an Steòrnabhagh.

Chan eil fios aig an ìre seo ciamar a tha an duine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile