Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Tha ceannardan nam prìomh phàrtaidhean a tha a' cur taic ris an Aonadh air turas a dh'Alba, 's am Prìomhaire Daibhidh Cameron ag ràdh gu bheil e gu mòr airson 's gum fuirich Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte. Tha e, cuide ri ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, agus ceannard nan Lib-Deamach, Nick Clegg, a' seachnadh àm Ceistean a' Phrìomhaire ann an Taigh nan Cumantan airson tighinn a dh'Alba, 's iad a' tadhal air diofar phàirtean den dùthaich. Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, gu bheil seo a' sealltainn gu bheil iad air clisgeadh, agus gun obraich an turas aca nan aghaidh.

Iorac

Ràinig Rùnaire Cèin nan Stàitean Aonaichte, Iain Kerry, Baghdad ann an Iorac, air a' chiad phàirt den turas aige san Ear Mheadhanach, ann an oidhirp taic a bhrosnachadh san iomairt an aghaidh na Stàit Ioslamaich. Tha nas lugha na dà là on a chaidh Riaghaltas co-bhann a stèidheachadh ann an Iorac, a tha a' feuchainn ri sìth a bhrosnachadh san dùthaich. Tha seo uile a' tachairt agus an Ceann-Suidhe Obama a' deisealachadh airson an ro-innleachd às ùr aige an aghaidh IS fhoillseachadh a-nochd. Bidh e a' bruidhinn ann an aithris telebhisean ris an t-sluagh.

Ugràin

Thuirt ceannard na h-Ugràin, Petro Poroshenko, gu bheil e deònach an tuilleadh chumhachdan fèin-riaghlaidh a thoirt do sgìrean air taobh sear na dùthcha, cho fad 's a dh'fhuiricheas iad nam pàirt dhan Ugràin. A' bruidhinn mu choinneimh a' Chaibineat aige nas tràithe an-diugh, thuirt e gum faodadh gun tèid reachdas a chur mu choinneimh na pàrlamaid cho tràth ris an ath-sheachdain. Aig a' cheart àm, thuirt an OSCE gu bheil iad air itealain drone a chur an sàs anns an Ugràin gus sùil a chumail air an fhois-fhòirneirt a tha a' dol anns an sgìre sin.

Declan Hainey

Tha Comhairle Siorrachd Roinn Friù ag iarraidh gun tèid barrachd a chosg air seirbheisean dìon chloinne ann an Alba. Bha an t-ùghdarras am measg nam buidhnean a chaidh an càineadh ri linn bàs Declan Hainey, a chaidh fhaighinn marbh na dhachaigh ann am Pàislig ann an 2010, ochd mìosan bhon a chaidh fhaicinn mu dheireadh. Chaidh a mhàthair, Kimberly Hainey, a chur dhan phrìosan airson murt a' bhalaich bhig, ach chaidh cuir às dhan dìteadh na h-aghaidh.

Bun-sgoil Achadh na Creige

Thèid ath-chuinge a thoirt do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an-diugh le luchd-iomairt agus iomagain orra mu phlana connspaideach airson seann thogalach sgoile a reic san Òban. Tha seo a' tighinn agus comhairlichean a' coinneachadh gus aonta a ruighinn air dè a nì iad le seann bhun-sgoil Achadh na Creige sa bhaile. Tha eagal air luchd-iomairt gun tèid an sgoil, a th' air a bhith dùinte seachd bliadhna a-nis, a' leagail ach an gabh taighean a thogail air an làraich.