A' Ghàidhlig "a dhìth" san deasbad

  • 10 An t-Sultain 2014
Am Pàipear Geal Image copyright Getty Images
Image caption Tha am Pàipear Geal ag ràdh gum biodh "central place in Scottish public life" aig a' Ghàidhlig fo neo-eisimeileachd.

Tha eòlaiche cànain ag ràdh nach d' fhuair a' Ghàidhlig àite sam bith san deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Tha Wilson MacLeòid à Oilthigh Dhùn Èideann ag ràdh ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh air an làraich Bella Caledonia nach tug Pàipear Geal Riaghaltas na h-Alba iomradh mòr sam bith air a' Ghàidhlig agus nach eil an taobh eile, Nas Fheàrr Còmhla, air bruidhinn mu deidhinn nas motha.

"Chan e 's dòcha gearain, 's e dìreach mothachadh air an deasbad," thuirt Mgr MacLeòid.

"Chan e a-mhàin na thuirt an Riaghaltas anns a' Phàipear Gheal, ach na tha a' dol anns an deasbad nas fharsainne am measg mhuinntir na h-iomairt Bu Chòir anns an fharsainneachd.

An fharsainneachd

"Tha sinn a' cluinntinn an t-uabhas mu dheidhinn dè dh'fhaodadh tachairt, dè an seòrsa dùthcha a dh'fhaodadh a bhith ann an dèidh neo-eisimeileachd.

"Agus 's e glè bheag a chluinneas sinn mu dheidhinn na Gàidhlig, mu dheidhinn dualchas chànanach na dùthcha, dà-chànanas, ioma-chànanas.

"Chan e a-mhàin ceist na Gàidhlig, ach ceist Scots cuideachd.

"Glè bheag a chluinneas sinn bho thaobh seach taobh - chan e a-mhàin luchd-poileataigs ach luchd-iomairt anns an fharsainneachd," thuirt e.

Tha Mgr MacLeòid a' gabhail ris gur dòcha gu bheil adhbharan poileataigeach air cùlaibh cion Gàidhlig san deasbad, agus connspaid air a bhith ann mun chànan agus maoineachadh, le beachd am measg chuid gun cailleadh e bhòtaichean don dà thaobh nan gabhte gnothach rithe ann an deasbad an referendum.

"Gaelic Ghetto"

"Tha mi cinnteach às gu bheil sin ceart. Chunnaic sinn sin leis an deasbad a thaobh baileat dà-chànanaich. Chaidh sin a dhiùltadh, agus cha deach adhbhar ciallach sam bith a chur air adhart airson sin, ach dìreach an t-eagal 's dòcha gum biodh e a' cur cuid de dhaoine dheth, no a' cruthachadh seòrsa ìomhaigh dhaibhsan gum biodh Alba neo-eisimeileach na seòrsa "Gaelic Ghetto" no rudeigin "ro Albannach" mar gum biodh," thuirt e.

Ann am Pàipear Geal an Riaghaltais, sa bheil iad a' mìneachadh na bhiodh san amharc aca airson Alba neo-eisimeilich, tha gealltanas ann gum bi "central place in Scottish public life" aig a' Ghàidhlig.

"Chan eil mòran air chùl sin ge-tà," thuirt Mgr MacLeòid.

"Chan eil inbhe a' chànain ag atharrachadh. Tha iad ag ràdh "bidh rudan a' cumail a' dol mar a tha iad an ìre mhòr.

"'S e an rud as motha a thaobh na Gàidhlig, tha a' mhòr-chuid de na cuspairean, na raointean poileasaidh a tha a' buntainn ris a' Ghàidhlig fo smachd Alba mar thà.

Smachd

"Chan eil sin fìor a thaobh craoladh mar eisimpleir. Ach seach sin - foghlam, cultar, na h-ealain - tòrr chuspairean mòra eile, tha iad fo smachd Alba mar-thà.

"Agus mar sin chan eil e buileach follaiseach dè dìreach a dh'fhaodadh tachairt.

"Air an làimh eile, chan eil sinn a' cluinntinn bho Nas Fheàrr Còmhla gum biodh an t-Aonadh na b' fheàrr dhan Ghàidhlig, gum biodh àite na Gàidhlig air a dhìon ann an dòigh nas fheàrr fon Aonadh na bhiodh e ann an Alba neo-eisimeileach. Chan eil i mar phàirt den deasbad idir.

"Ann an dòigh tha sin a' dol a rèir a h-uile tuigse a th' againn air iomairtean mòra nàiseanta ann an Alba.

"Bho thùs cha robh cànan riamh cudromach, seach aig fìor thoiseach an 20mh Linn.

"Bho na 70an air adhart, cha robh cànan riamh ann an teis-meadhain a' ghnothaich, mar a bha ann an iomadach dùthaich eile, gu h-àraidh Quebec agus Catalunia, 's dùthchannan mar sin," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo