Cupa Ryder
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cupa Ryder sna Hearadh

10 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig fear de na cupanan spòrs as ainmeil air an t-saoghal dha na Hearadh Diluain.

Nochd Cupa Ryder aig Raoin Goilf na Hearadh ann an Scarista mar phàirt de chuairt timcheall air Alba.

B' e Cluba Goilf na Hearadh a' chiad bhuidheann às na h-Eileanan an Iar a chaidh an sàs ann an sgeama ClubGolf, a tha a' brosnachadh na h-òigridh an spòrs a chluich.

Bha an sgeama ann mar phàirt den tagradh airson Cupa Ryder a thoirt do dh'Alba.