Luchd-taic
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachd bho Ruairidh Moireach

9 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha an t-seann Phrìomhaire Gòrdan Brown air clàr-ama a mhìneachadh airson barrachd chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba ma dhiùltas an luchd-bhòtaidh neo-eisimeileachd.

Tha ceannardan nan trì prìomh phàrtaidhean a tha a' cur taic ris an Aonadh - Ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann NicLaomainn; Ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson; agus Ceannard nan Lib-Deamach ann an Alba, Uilleam Rennie - air an taic a chur ris a' chlàr-ama.

Bhruidhinn Iain Macaonghais ri Ruairidh Moireach, a tha a' riochdachadh na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla.

An toiseach, dh'fhaighnich e dha, an robh càil às ùr aig Mgr Brown ri radh?