A' Phrìomh Lìog dhan Bhail' Ùr

  • 8 An t-Sultain 2014
Bail' Ùr an t-Slèibh is Inbhir Aora Image copyright Neil G Paterson
Image caption Bha Bail' Ùr an t-Slèibh ro mhath do dh'Inbhir Aora.

Bhuannaich Bail' Ùr an t-Slèibh Prìomh Lìog na h-iomain 'son a' chòigeamh bliadhna ann an sreath às dèidh dhaibh soirbheachadh 3-0 ann an Inbhir Aora.

Thòisich Inbhir Aora a b'fheàrr ach chum am Bail' Ùr a-mach iad is chaidh iad an uair sin air thoiseach dìreach ro leathach ùine le tadhal bho Phòl MacArtair.

Chuir Nicholas Crawford aig Inbhir Aora am ball dhan lìon aige fhèin tràth san dàrna leth, is chuir Glen Mac an Tòisich crìoch air a' ghnothach le cairteal na h-uaireach air fhàgail.

Ged a chaill am Bail' Ùr grèim air Cupa na Camanachd am-bliadhna, 's math a rinn iad an lìog a thogail a-rithist is Cupa MhicAmhlaidh a bhuannachadh 'son a' chiad uair bho 1986, gu h-àraidh ann an seusan nuair a bha cluicheadairean cudromach tric air an goirteachadh.

Doimhneachd

Ged a tha sgiobaidhean eile a chumas ceann a' mhaide riutha ann an geamaichean fa leth, chan eil sgioba eile ann aig an ìre seo a tha air sealltainn gu bheil an doimhneachd is neart aca gus an lìog a thoirt bhon Bhail' Ùr.

Bha Loch Abar am measg nan sgiobaidhean aig toiseach an t-seusain a bha den bheachd gun robh cothrom aca crùn a' Bhail' Ùir a ghabhail ach abair gun deach cùisean ceàrr dhaibh.

Thàinig dearbhadh air an deireadh-sheachdain gun tèid iad sìos dhan Lìog Nàiseanta is iad a' call 5-1 ri Caol Bhòid.

'S e Camanachd an Òbain no an Gearasdan a ghabhas àite Loch Abar is an gnothach a' crochadh air a' gheama eatorra aig deireadh na mìos.

Pronnadh

Nì puing sa gheama sin a' chùis dhan Ghearasdan is iad air Eilean Bhòid a phronnadh 7-0 Disathairne.

Bha na Sgitheanaich mar thà air Lìog Tuath 1 a bhuannachadh ach fhuair iad an duais fhèin Disathairne às dèidh dhaibh soirbheachadh 4-0 an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich ann am Port Rìgh.

Na bu thràithe air an là bha an dàrna sgioba aca air pronnadh 7-0 a thoirt air Loch Abar gus an t-àite aca fhèin ann an Lìog Tuath 2 a ghlèidheadh.

200 mìle gu deas ann an Srath Chura b' e bristeadh-dùil a bh' ann air a' cheann thall dha boireannaich an eilein a chaill 3-2 ri Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal ann an cuairt dheireannaich Chupa Valerie Fhriseil.

Freagairt

Chuir Alana McGarrie GMA air thoiseach ach fhreagair Caitlin NicIlleathain le tadhal dha na Sgitheanaich.

Ghluais sgioba Ghlaschu gu suidheachadh làidir le dà thadhal bho Joan NicNeacail ach thàìnig na h-eileanaich air ais is Lorna NicRath a' cur a' bhuill dhan lìon.

A dh'aindeoin gach oidhirp nan Sgitheanach ge-tà, cha tàinig an còrr thadhal is chaidh an cupa air ais gu Glaschu.

B' i Sarah Corrigall aig na Sgitheanaich a fhuair duais shàr-chluicheadair an là is ged a chaill iad, gabhaidh an sgioba na h-uimhir de mhisneachd le cho faisg 's a thàinig iad air a' chupa, is an t-adhartas iongantach a tha iad air dèanamh bho thòisich iad ann an 2011.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile