Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dàrna leanabh

Dh'innis an Teaghlach Rìoghail gu bheil dùil aig Bana-Dhiùc Chambridge, bean a Phrionnsa Uilleam, ris an dàrna leanabh. Thuirt Taigh Chlarence gu bheil a' Bhana-Dhiùc a' fulang gu dona le tinneas na maidne, mar a bha i leis a' chiad leanabh, am Prionnaa Seòras, a rugadh anns an Iuchair an-uiridh. Cha deach innse cuin a tha dùil ris an leanabh.

Referendum

Tha pàrtaidhean an aonaidh ag ullachadh clàr-ama airson tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba ma 's e agus gun tèid bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd san referendum an ath-sheachdain. Gheall an Seansalair, Seòras Osborne, tuilleadh fiosrachaidh ro dheireadh na seachdain seo. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, nach eil anns na molaidhean sin bho thaobh an aonaidh ach oidhirp air bhòt mhuinntir na h-Alba a cheannach agus dragh orra gu bheil a' chùis a' dol nan aghaidh. Thuirt Ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann NicLaomainn, nach e rud ùr sam bith a th' ann an tuilleadh chumhachdan do Holyrood agus nach e freagairt a th' ann, ann an cabhag, do na cunntasan-beachd.

Ebola

Tha luchd-saidheans anns na Stàitean Aonaichte an dòchas gun soirbhich deuchainnean air mac-an-duine an dèidh dearbhadh gun do dh'obraich banachdach airson Ebola air muncaidhean. Thuirt luchd-rannsachaidh gun tàinig ceithir muncaidhean beò à dòs de dh'Ebola, a bhiodh air am marbhadh às aonais an droga ùr.

Eaglais na h-Alba

Tha cha-mhòr 100 duine am beachd Eaglais na h-Alba air an Tairbeart anns na Hearadh fhàgail 's iad mì-thoilichte mu sheasamh na h-eaglaise air ministearan geidh. Tha 131 duine a' fuireach anns an eaglais, agus 94 duine a' fàgail. Tha e coltach gu bheil iad sin am beachd coithional ùr dhan Eaglais Shaor a stèidheachadh air an Tairbeart.

Clò Hearach

Thàinig Ùghdarras a' Chlò Hearaich gu aonta le companaidh Aimearaganach a bha a' toirt a chreidsinn gur e Clò Hearach a bha air sèithrichean a bha iad a' reic. Tha dìon sònraichte fon lagh air a' Chlò Hearach.

Tramaichean

Chuir 1.5 millean duine feum air seirbheis ùr tramaichean Dhùn Èideann bhon a thòisich iad bho chionn 100 là. Thuirt Ùghdarras Còmhdhail Dhùn Èideann gur e sin an seòrsa àireamh ris an robh dùil aca. Chuir 130,000 duine feum air na tramaichean air a' chiad sheachdain agus on uair sin tha an àireamh air cothromachadh aig 90,000 gach seachdain.