Neo-eisimeileachd na cothrom do gach roinn

  • 5 An t-Sultain 2014
Nicola Sturgeon Image copyright Getty Images
Image caption Bha Nicola Sturgeon aig Mosg Meadhain Ghlaschu, a' coinneachadh ri riochdairean bho choimhearsnachd Àisianaich a' bhaile.

Tha Nicola Sturgeon air a ràdh gum bi neo-eisimeileachd na "cothrom do gach roinn de shluagh na h-Alba".

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear cuideachd gu bheil daoine a' fàs nas mothachaile mu na cothroman an lùib neo-eisimeileachd gus sòisealtas nas cothromaiche a chruthachadh.

Bha i a' bruidhinn agus i a' coinneachadh ri riochdairean bho choimhearsnachd Àisianaich Ghlaschu.

Thuirt labhraiche nan Làbarach, Jackie Baillie, ge-tà, gu bheil na Nàiseantaich a' toirt ghealltanasan mu shochairean sòisealta "nach eil cothromach".

'Tairgse in-ghabhalach'

Ach, thuirt Ms Sturgeon gur e tairgse in-ghabhalach a th' ann an neo-eisimeileachd a dh'fhaodadh a bhith na bhuannachd do gach roinn den t-sluagh.

Thuirt i: "'S ann a tha e mu mhuinntir na h-Alba, gach duine againn, agus sinn a' gabhail smachd air ar n-àm ri teachd fhèin.

"An seo ann am Mosg Mheadhain Ghlaschu agus thairis air ar coimhearsnachdan air fad, tha daoine a' fàs nas mothachaile mu na cothroman an lùib neo-eisimeileachd gus sòisealtas nas cothromaiche a chruthachadh, gus taic a thoirt dhan òigridh tro bhith a' cruthachadh chothroman obrach nas fheàrr, agus gus dìon a chur air seirbheisean poblach leithid an NHS.

"Tha soirbheachas na h-Alba stèidhichte air ùr-ghnàthachadh agus dualchas chultarail a tha beartach is eadar-mheasgte - thèid an dòigh-obrach adhartach agus in-ghabhalach sin a leudachadh thar an t-saoghail le bhòt Bu Chòir agus neo-eisimeileachd.

"Tha teaghlaichean à Pagastan agus a' Phòlainn, na h-Ìnnseachan agus Èirinn, Sasainn agus an Eadailt ann an Alba, agus daoine à iomadach ceàrnaidh eile den t-saoghail a' fuireach, ag obair agus a' cur gu deimhinneach ri Alba nodha - 's fhiach gàirdeachas a dhèanamh mun sin."

'Geallaidhean neo-chothromach'

Tha na Làbaraich agus Nas Fheàrr Còmhla a' cumail a-mach gun tigeadh gearraidhean ann am buidseatan poblach na h-Alba fo neo-eisimeileachd; gearraidhean a dh'adhbharaicheadh strèan air na ghabhas cosg air sochairean sòisealta.

Thuirt Jackie Baillie: "'S e an stàit shochairean aon de na rudan as fheàrr a thug an RA gu buil. Chaidh a stèidheachadh ri linn 's gun robh feum ann air a shon, cha b' ann ri linn nàiseantachd, agus gus am faigheadh an fheadhainn a bha feumach air cuideachadh an taic a bha a dhìth orra.

"Gus sin a choileanadh, feumaidh sinn a bhith comasach air an stàit shochairean a mhaoineachadh. Tha neo-eisimeileachd a' cur sin ann an cunnart. Rinn eòlaichean an Institiùt airson Rannsachaidh Fhiosgail, a tha neo-phàirteach, soilleir, nan deadh an RA fhàgail, gun tigeadh luach £6bn de ghearraidhean a bharrachd.

"Chan eil gealltanasan an SNP a thaobh shochairean sòisealta cothromach. Feumaidh Ailig Salmond innse do mhuinntir na h-Alba ciamar a tha e a' dol a phàigheadh airson a chuid ghealltanasan a thaobh shochairean nuair a tha neo-eisimeileachd a' dol a dh'abharachadh barrachd teanntachd."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile