Comhairlichean Sgitheanach a' bhòtadh "Bu Chòir"

  • 4 An t-Sultain 2014
Brataichean na h-Alba agus Bhreatainn
Image caption Tha cola-deug ri dhol chun na bhòta air an 18mh là den t-Sultain.

Tha dithis chomhairlichean anns an Eilean Sgitheanach air innse gum bi iad a' bhòtadh airson neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Thuirt an Comh. Drew Miller, a tha na bhall Lib-Deamach ann an Uard Eilein a' Cheò air Comhairle na Gàidhealtachd, an-dràsta sa chathair air Comataidh na Sàbhailteachd Coimhearsnachd, a' Cho-ghnìomha Phoblaich 's na Co-ionnanachd aig a' Chomhairle.

Tha e air a bhith na chomhairliche o chionn 22 bhliadhna.

"Bidh mise a' bhòtadh "Bu Chòir" ri linn 's gu bheil mi den bheachd gu bheil Alba airidh air riaghaltas fhaighinn a bhòt i air a shon, gus an soirbhich leatha san àm ri teachd," thuirt e.

"'S urrainn dhuinn a bhith nar dùthaich shoirbheachail, neo-eisimeileach, le riaghaltas a th' air a thaghadh le muinntir na h-Alba."

Tha co-dhùnadh Mhgr Mhiller a' tighinn an dèidh do Lib-Deamaich eile air Ghàidhealtachd - seann cheannard na Comhairle an Dr Mìcheal Foxley, agus Ailean MacRath, a bha na thagraiche Lib-Deamach airson an Eilein Sgitheanaich, Loch Abar agus Bàideanaich ann an taghadh na Pàrlamaid Albannaich ann an 2011 - innse gum bhòt iad airson neo-eisimeileachd.

Dh'innis an Comh. John Gòrdan, à Port Rìgh, a tha na bhall neo-eisimeileach den Chomhairle, gum bi esan cuideachd a' bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

A' foillseachadh a bheachd, thuirt e: "Tha mise den bheachd gum bu chòir do gach duine a tha a' fuireach an Alba obrachadh còmhla gus sòisealtas nas cothromaiche agus nas beartaiche a chruthachadh dha na ginealaichean a tha ri teachd, agus 's e an aon dòigh air sin a choileanadh, a bhith a' bhòtadh "Bu Chòir" air an 18mh là den t-Sultain."

Thuirt labhraiche bho Libearalaich Dheamocratach na h-Alba: "Fhad 's a tha a' mhòr-chuid de Libearalaich Dheamocratach na h-Alba a' cur taic ri mòr-mhiann a' phàrtaidh airson fèin-riaghlaidh do dh'Alba mar phàirt de RA fheadarail, thathar a' toirt spèis dha Drew Millar agus còir aige taic a chur ri slighe diofraichte."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile