Mì-thoileachas an Ealaghol

  • 4 An t-Sultain 2014

Thòisich iomairt an aghaidh leasachaidh air cidhe Ealaghol anns an Eilean Sgitheanach.

Tha plana aig Comhairle na Gàidhealtachd 'son pontùn a chur tarsaing na tràghad ann an Ealaghol agus beachd ann nach eil an cidhe mòr gu leòr 'son na tha de bhàtaichean a tha ga chleachdadh.

Tha cùisean air fàs cho trang sa chala is gum feum sgiobairean cumail ri clàr-àma gu math teann.

Dh'innis Dàibhidh Brown, a tha os cionn Bella Jane Boat Trips an Ealaghol, gu bheil an cala a-nise a dheich uimhir nas trainge na bha e bho chionn deich bliadhna.

Thuirt Mgr Brown gum fàgadh pontùn an gnothach na bu ghoireasaiche agus na bu shàbhailte.

"An uair nach eil mòran rùm ann aig a' chidhe bidh suidheachadh ag èirigh far am feum daoine coiseachd bho bhàta gu bàta.

"Chan e sin an dòigh a th' againn a thaobh sàbhailteachd mar as trice agus b' fheàrr leis a' Chomhairle nach tachradh e.

"'S e cho trang 's a tha an cidhe an rud as motha ge-tà, is cho duilich 's a tha e ceangal air sgàth na th' ann de bhàtaichean," thuirt e.

Milleadh

A rèir chuid san sgìre ge-tà, dhèanadh am plana milleadh air coltas an àite agus tha iad a' cur gu làidir an aghaidh a' phlana.

Ged a tha nas lugha na 100 duine a' fuireach ann an Ealaghol, tha còrr is 200 air an ainm a chur ri ath-chuinge an aghaidh an leasachaidh.

Tha Seumas MacFhionghain nam measg.

"Tha cuimhne agam an uair nach robh gainmheach sam bith an seo ach tha e a' fàs nas fheàrr a h-uile bliadhna," thuirt Mgr MacFhionghain.

"Bidh na h-oghaichean agam a' cluich an seo as t-Samhradh còmhla ri òigridh eile às an sgìre agus luchd-turais.

"Bhiodh e craicte an tràigh a dhùnadh air sgàth is gu bheilear ag ràdh gu bheil iarrtas ann an uair a tha an t-iarrtas ga shàsachadh leis a' chidhe a th' ann," thuirt e.

Thuirt Rosalind NicLaomainn, a thòisich an iomairt, gu bheil an tràigh aig meadhan na coimhearsnachd ann an Ealaghol is gur e call mòr a bhiodh ann dhan àite nan rachadh am pontùn air adhart.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast agus gun èisteadh iad ri beachdan a h-uile duine.

Cha rachadh gainmheach a thoirt air falbh, thuirt iad, agus bhiodh cead aig cloinn cluich air a' phontùn - a bhiodh ann as t-Samhradh a-mhàin.

Gu ruige seo tha 13 duine a' cur na aghaidh gu h-oifigeil le aon duine air a shon.