Ball
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Oidhche mhòr an Lìog Leòdhais

3 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid Lìog Leòdhais is na Hearadh a rèiteach oidhche Chiadain nuair a chluicheas an Taobh Siar an aghaidh nan Loch ann am Barbhas aig 6.30f.

Tha an Taobh Siar ag amas air eachdraidh a dhèanamh agus an lìog a bhuannachadh 'son a' chiad uair.

Chan eil a dhìth orra ach puing - ach bidh dùbhlan mhòr aca bho na Lochan a tha air èirigh dhan darna àite is iad ag amas air an tiotal iad fhèin.

Tha Cathraiche Comann Ball Coise Leòdhais agus na Hearadh, Coinneach MacÌomhair, am measg na tha e air bhioran mun gheama.