Cùis Suzanne Pilley gun fuasgladh

  • 3 An t-Sultain 2014
Crimewatch
Image caption Rinn Crimewatch ath-chruthachadh den là mu dheireadh a chunnacas Suzanne Pilley beò.

Thuirt poilis a tha a' feuchainn ri lorg fhaighinn air corp boireannaich à Dùn Èideann nach eil iad dad nas fhaisge air fuasgladh às dèidh iomairt shònraichte air an telebhisean mun chùis.

Chaidh Suzanne Pilley fhaicinn mu dheireadh sa Chèitean 2010 ann an Dùn Èideann.

Fhuaireadh Dàibhidh Gilroy, a bha uair na leannan aig Suzanne, ciontach de mhurt ach cha deach a corp a lorg a-riamh.

Crimewatch

Nochd a' chùis air a' phrògram Crimewatch san Òg-Mìos, ceithir bliadhna às dèidh do Shuzanne Pilley a dhol a dhìth.

Fhuair na Poilis fios bho mu dhusan duine agus ri linn sin chaidh a' chuid as motha den obair-sgrùdaidh aca a dhèanamh ann an sgìre iomallach ann am Mionaird ri taobh Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal.

Dhearbh na Poilis ge-tà, gun deach a h-uile pìos fiosrachaidh a fhuair iad air sgàth Crimewatch a rannsachadh agus nach d'fhuair iad dad sam bith ùr.

Thuirt iad gun cum iad orra a' rannsachadh fiosrachaidh ùir sam bith a gheibh iad a dh'fhaodadh an cuideachadh ann a bhith a' faighinn lorg air corp Suzanne.

Timcheall a' BhBC