Fear òg an grèim an Steòrnabhagh

  • 3 An t-Sultain 2014

Chaidh fireannach òg a chur an grèim aig Cala Stèornabhaigh mar phàirt de dh'iomairt a tha ag amas air malairt dhrogaichean dha na h-Eileanan an Iar.

Chuir oifigearan stad air an duine, 24, mu 9:15f Dimàirt is chaidh sgrùdadh a dhèanamh air.

Fhuair na Poilis ball-armachd is stuthan eile agus amharas ann gur e drogaichean a th' annta.

Chaidh aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile