Mìltean nan deann a chlàradh

  • 2 An t-Sultain 2014
Càirtean bhòtaidh Image copyright PA
Image caption Feumar clàradh airson bhòtadh san referendum ro mheadhan-oidhche Dimàirt, 2na an t-Sultain.

Tha na mìltean de dhaoine air an ainmean a chur air clàr nam bhòtairean ann an Alba san t-seachdain a dh'fhalbh.

Thuirt ionadan clàraidh air feadh na dùthcha gun d' fhuair iad na deichean mhìltean iarrtasan sna beagan làithean a chaidh seachad.

Tha gu meadhan oidhche Dhimàirt aig daoine clàradh airson bhòtadh san referendum air an 18mh là den mhìos seo.

Tha figearan ùra a' sealltainn, anns na seachd làithean a dh'fhalbh, gu d' fhuair ionadan ann an Glaschu còrr is 9,000 iarrtas; Siorrachd Rinn Friù 5,000; agus Arcaibh is Sealtainn cha-mhòr 1,000.

Tha ionadan ann an Dùn Èideann air 30,000 iarrtas fhaighinn san dà mhìos a dh'fhalbh. Tha grunn ionadan eile ag ràdh gu bheil iad "a' cur thairis" le iarrtasan, ach gun deadh aca air an ceann-là a ruighinn de a bhith gan cur troimhe ron 11mh là den t-Sultain.

Tha sgìrean eile leithid na Crìochan, Dùn Dèagh, a' Ghàidhealtachd, Aonghas, agus Peairt is Ceann Rois, ag ràdh nach fhaca iad riamh uiread de dhaoine ag iarraidh clàradh.

Bha luchd-obrach nan ionadan ag obair tron deireadh sheachdain anns a' chuid as motha de sgìrean, agus gu meadhan-oidhche Diluain, le dùil gun obraich iad gu meadhan-oidhche Dimàirt cuideachd gus dèiligeadh ris na th' ann de dh'iarrtasan.

A' dearbhadh do bhòta

  • Airson bhòtadh san referendum feumar clàradh ro mheadhan-oidhche 2na an t-Sultain 2014.
  • Faodar foirm a thoirt a-nuas aig www.aboutmyvote.co.uk. Feumar am foirm a chlo-bhualadh, a shoighneadh, agus a thilleadh chun an ionaid chlàraidh bhòta san sgìre agaibh.
  • Mura bheilear cinnteach co-dhiù thathas clàraichte, faodar bruidhinn ris an oifis chlàraidh ionadail agus dearbhaidh iadsan e.
  • Clàraibh airson bhòta-phuist, no bhòta le neach-ionaid ro 5:00f air an 3mh an t-Sultain 2014.
  • 'S e an ceann-là airson bhòta èiginneach le neach-ionad fhaighinn 5:00f air an 18mh là den t-Sultain 2014.
  • Bithear cinnteach gun ruig bhòt-phuist ro 10:00f air an 18mh là den t-Sultain 2014.
  • Bhòtar aig ionadan bhòtaidh eadar 07:00m agus 10:00f air an 18mh là den t-Sultain 2014.

Ach tha na h-uimhir de bhòtairean ag ràdh nach d' fhuair iad freagairt no càirt-bhòtaidh - a dh'aindeoin 's gun do dh'iarr iad sin o chionn seachdainean.

Tha dithis de na bhòtairean sin ag obair don BhBC ann an Glaschu. Dh'innis oifigich ann an Glaschu do dh'fhear aca, a bh' air am foirm aca a chur sa phost dà thuras mar thà, nach b' urrainn dhaibh dearbhadh gun d' fhuair iad e.

Gealltanas

Thuirt labhraiche do Chomhairle Baile Ghlaschu: "'S e an ceann-là airson bhòtadh, meadhan-oidhche air an 2na là den t-Sultain, agus faodaidh sinn gealltainn gun tèid a h-uile foirm a chur troimhe ro Dhiardaoin 11mh an t-Sultain."

Toiseach an Lùnastail, bha cha-mhòr 4.2m duine air an clàradh airson bhòtadh san referendum, còrr is 680,000 dhiubh air bhòt-phuist a roghnachadh. Tha na figearan sin air fàs gach là.

Thuirt àrd-oifigear cunntaidh an referendum, Màiri Pitcaithly: "Tha an referendum air ùidh mhòr adhbharachadh am measg dhaoine, leis na h-àireamhan de dhaoine a tha a' clàradh airson bhòtadh agus ag iarraidh bhòtaichean-puist ag èirigh.

"Tha ionadan clàraidh bhòta air feadh Alba a' làimhseachadh àireamhan mòra de dh'iarrtasan agus chlàraidhean. Tha a h-uile oifis air an cuid phròiseasan agus ghoireasan a phlanadh a rèir sin, agus sinn a' teannadh air a' cheann-là airson clàraidh.

"Thèid aig a h-uile duine a chuireas iarrtas coileanta a-steach airson clàradh air thoiseach air a' cheann-là, air bhòtadh san referendum.

"Ma tha dragh sònraichte air duine mun fhoirm aca a bhith a' ruighinn na h-oifis chlàraidh ann an àm air thoiseach air a' cheann-là, tha iad di-bheithte a thoirt seachad gu pearsanta aig an oifis chlàraidh bhòta ionadail aca."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile