Lìonra coimpiutaireachd ùr do ghnothachasan

  • 2 An t-Sultain 2014
Tablaid Image copyright Thinkstock
Image caption Tha an lìonra ri fhaotainn do ghnìomhachasan a-mhàin.

Thèid lìonra coimpiutair air leth adhartach a stèidheachadh airson ghnìomhachasan air a' Ghàidhealtachd nas fhàide air a' mhìos.

Cruthaichidh an lìonra ùr, air a bheil High Performance Computing (HPC) ceangal le coimpiutairean adhartach eile ann am pàirtean eile de Bhreatainn, anns an Roinn Eòrpa agus ann an dùthchannan leithid Iapan agus Aimeireaga.

'S e sgeama pìleat a th' ann aig an ìre seo, a mhaireas ceithir mìosan, agus tha dùil gum faodadh na mìltean chosnaidhean tighinn às air a' cheann thall.

Tha an sgeama na com-pàirteachas eadar a' chompanaidh mhòr teicneòlais fhiosrachaidh Fujitsu - aig a bheil oifisean ann an Inbhir Nis agus Alanais - Comhairle na Gàidhealtachd agus a' bhuidheann Energy North - aig a bheil còrr is 200 ball ann an gnìomhachasan na h-ola, a' ghas, a' chumhachd ath-nuadhachail agus a' chumhachd niuclasaich.

Cleachdaidh an siostam air Ghàidhealtachd portal airson ceangal a dhèanamh an toiseach ri còmhlan HPC sa Chuimrigh, agus an uair sin ri sgeama pìleat eile ann an Èirinn a Tuath.

Ceangal

Nì e cuideachd ceangal ri oifisean a th' aig Fujitsu ann an Hayes ann am Middlesex, far a bheil Baboratories of Europe - lìonra eadar-nàiseanta de ghoireasan rannsachaidh san Roinn Eòrpa, Iapan agus na Stàitean Aonaichte - stèidhichte.

Leigidh HPC le companaidhean air Ghàidhealtachd ceangal a dhèanamh ri teicneòlas coimpiutaireachd de sheòrsa nach robh ri fhaotainn dhaibh roimhe.

Tha an sgeama pìleat cuideachd na pàirt de dh'oidhirpean gus Acadamaidh Sgilean Saidheans na Gàidhealtachd a stèidheachadh.

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry: "Tha HPC a' fosgladh saoghail ùir de chothroman do choimhearsnachd an rannsachaidh ghnìomhachais air Ghàidhealtachd agus ann an sgìrean eile.

"Cuiridh e an sgìre air aghaidh rèabhlaid an HPC ann an Alba, le bhith a toirt cothrom air cumhachd choimpiutaireachd nach fhacas roimhe san sgìre, a chuidicheas le stuth agus pròiseasan a chruthachadh a chùm buannachd na h-eaconamaidh nas fharsainne.

"Tha e a' tighinn a rèir ar planaichean gus Acadamaidh Sgilean Saidheans na Gàidhealtachd a stèidheachadh, agus còmhla, dh'fhaodadh gum bi na leasachaidhean treòireachail seo nam buannachd do ghinealaichean a tha ri teachd."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile