Referendum na "dheuchainn breith", a rèir Darling

  • 1 An t-Sultain 2014
Alasdair Darling agus na postairean ùra Image copyright Getty Images
Image caption Bha Mgr Darling a' foillseachadh sanasachd teaghlaich ùir Nas Fheàrr Còmhla.

'S e deuchainn "breith thar ghràdh-dùthcha" a th' anns an referendum, a rèir cathraiche na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling.

B' e sin an teachdaireachd a bh' aig Mgr Darling 's e a' foillseachadh sanasachd teaghlaich ùr na buidhne air bhanaichean postair.

Thuirt e: "Tha sinne den bheachd gum biodh an t-àm ri teachd as fheàrr, do ghràdh ar teaghlaichean, mar phàirt pròiseil agus sealbhach den RA".

Disathairne seo chaidh, thuirt Ailig Salmond gur a neo-eisimeileachd a-mhàin a bheireadh smachd do dh'Alba air a "prìomh luamhain eaconamach".

Teaghlach

A' cur na h-iomairt phostairean air bhog, bhruidhinn Mgr Darling mu theaghlach agus mu chloinn.

Thuirt e: "Tha gràdh agam dha mo dhùthaich. Tha againn uile. 'S ann air sgàth sin a tha mi airson 's gum bi Alba làidir.

"Am beachd a tha sinne airson sgaoileadh don fheadhainn nach eil fhathast air co-dhùnadh ciamar a bhòtas iad, 's e gu bheil sinne den bheachd gum biodh an t-àm ri teachd as fheàrr, airson gràdh ar cuid theaghlaichean, airson gràdh ar cuid chloinne, airson gràdh ar dùthcha, mar phàirt pròiseil agus sealbhach den Rìoghachd Aonaichte."

Thuirt e cuideachd: "Sin as coireach nach e deuchainn a thaobh gràdh-dùthcha a th' anns an referendum. 'S e deuchainn a thaobh breith a th' ann. Dè as fheàrr airson Alba?"

'Slat-draoidheachd'

Ach, a' bruidhinn Disathairne, thuirt Mgr Salmond, leis mar a tha cùisean an-dràsta, gu bheil "caraidean agus càirdean" aig a' mhòr-chuid de dhaoine" a b' fheudar fàgail airson obraichean fhaighinn no adhartas a dhèanamh nan cùrsa-beatha."

Thuirt e: "Chan e slat-draoidheachd a th' ann an neo-eisimeileachd, ach bidh cead againn am poileasaidh eaconamach atharrachadh gus prìomhachas a thoirt do bhith a' cruthachadh obraichean ann an Alba, seach poileasaidh Westminster a tha gu cunbhalach a' taobhadh ri Lunnainn.

"Tha Riaghaltas na h-Alba mar-thà air plana-obrach làn-ùine a chur air dòigh, a' sealltainn na ghabhas dèanamh le smachd air na "prìomh luamhain eaconamach".

"Ach ao-coltach rinne, chan eil iomairt Nas Fheàrr Còmhla air aon chumhachd fhoillseachadh a leigeadh leotha obraichean a chruthachadh, agus 's e naidheachd chudromach a tha sin agus sluagh na dùthcha gus co-dhùnadh a dhèanamh."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile