Cùis heroin an Inbhir Nis

  • 1 An t-Sultain 2014

Nochdaidh ceathrar ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis Diluain an dèidh dha na poilis dhrugaichean a lorg.

Fhuair na poilis luchd de heroin luach £28,000 air an A9 faisg air Deimhidh.

Tha fireannach, 31 bliadhna de dh'aois à Liverpool, agus triùir à sgìre Inbhir Nis - fireannach, 43, agus dithis bhoireannach, 45 agus 43, a' dol a nochdadh anns a' chùirt.