Bochdainn fon phrosbaig

  • 1 An t-Sultain 2014
Biadh
Tha a' bhuidheann charthannais Blythswood air seachd bancaichean-bìdh fhosgladh air a' Ghàidhealtachd air a' bhliadhna a chaidh seachad.

Thèid co-labhairt shònraichte a chumail air Ghàidhealtachd an t-seachdain seo a sheallas ris a' bhuaidh a tha poileasaidhean an riaghaltais air sochairean a' toirt air daoine.

Tha Banca Bidhe na Gàidhealtachd, Biùro Comhairleachadh a' Phobaill, Urras na Gàidhealtachd airson Daoine gun Dachaigh agus Urras Luchd-cleachdaidh na Gàidhealtachd am measg nam buidhnean a ghabhas pàirt ann.

Thuirt cathraiche na meur ionadail de Chomann Albannach na h-Obrach Sòisealta, Ken Bolger, gu bheil iad airson faighinn a-mach dè a' bhuaidh a th' aig gearraidhean an riaghaltais agus poileasaidh nan sochairean air daoine air feadh na Gàidhealtachd.

Bha e ag ràdh gu bheil iad airson 's gum bi tuigse nas fheàrr aig daoine air a' bhuaidh a th' aig na nithean sin air daoine bho là gu là.

Thuirt e cuideachd gu bheil na trioblaidean a th' aig daoine air a' Ghàidhealtachd glè thic eadar-dhealaichte bho na bailtean mòra, seach gu bheil uiread de dhaoine a' fuireach air an tuath.