Tubaist faisg air Port-adhair Inbhir Nis

  • 1 An t-Sultain 2014

Chaidh boireannach a thoirt dhan ospadal às dèidh tubaist le càr agus bus beag faisg air Port-adhair Inbhir Nis.

Thachair an tubaist air a' Bh9039 aig ceann-rathaid a' phuirt-adhair mu 09:20 Diluain.

Chaidh an càr na theine agus thàinig air luchd-smàlaidh dèiligeadh ris.

Cha robh luchd-siubhail anns a' bhus aig an àm, agus chan eil dùil gun deach an dràibhear a ghoirteachadh.

Bha an rathad dùinte airson timcheall air dà uair a thìde gu leth.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile