Cumhachdan gan iarraidh dhan SSPCA

  • 1 An t-Sultain 2014
Clamhan
Chaidh 22 eun-creachaidh fhaighinn marbh anns an Eilean Dubh na bu tràithe am-bliadhna.

Tha iarrtas ùr air nochdadh gus cumhachdan sgrùdaidh ùra a thoirt dhan SSPCA gus am faigh iad air na poilis a chuideachadh le eucoir fiadh-bheatha.

Tha seo a' tighinn an dèidh mar a chaidh mòran eòin-chreachaidh a phuinnseanachadh anns an Eilean Dubh.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead ris a' ghluasad agus tha an co-chomhairleachadh aca air eucoir fiadh-bheatha a' tighinn gu ceann Diluain.

Tha an carthannas bheathaichean OneKind ag iarraidh air an riaghaltas an t-atharrachadh a chur an sàs.

Sgrùdadh

Mar a tha cùisean an-dràsta, gheibh oifigearan aig an SSPCA barantas airson a dhol a-steach a thaigh ma tha iad draghail mu bheathach a tha fhathast beò.

Ma tha am beathach marbh ge-tà, feumaidh iad fios a chur air na poilis.

Thuirt an carthannas gun cur seo maill air an SSPCA ann an suidheachaidhean mar a bh' aca anns an Eilean Dubh am-bliadhna.

Bha am Ministear Àrainneachd Pòl Wheelhouse ag ràdh gum faodadh am moladh seo na poilis a chuideachadh, ach gum feumadh e faighinn a-mach mar a tha am mòr-shluagh a' faireachdainn mu dheidhinn.