Mariano Rajoy
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sealladh nan Spàinneach

1 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ged bith dè an taobh a thèid an bhòt air an 18mh là, bidh a' mhìos a th' air thoiseach oirnn cudromach a chaoidh tuilleadh ann an leabhraichean eachdraidh na h-Alba.

Ach ciamar a tha a' chòrr den t-saoghal a' coimhead air? Tha cuid de dhùthchannan a' cumail sùil nas geòire oirnn na tha feadhainn eile.

An Spàinn, mar eisimpleir, far a bheil am Prìomhaire Mariano Rajoy a' diùltadh referendum do nàiseantaich Chatalòinia, 's e ag ràdh gum biodh e an aghaidh an lagh an Spàinn a sgaradh.

Dh'fhaighnich Dòmhnall Moireasdan do Chatrìona Zoltowska anns an Spàinn, a bheil ùidh mhòr sam bith aig meadhanan agus sluagh na dùthcha ann an referendum na h-Alba.