Ceann-ama clàraidh a' tighinn dlùth

  • 1 An t-Sultain 2014
Ionad bhòtaidh
Image caption Chan eil ach là air fhàgail aig daoine gus clàradh airson bhòt fhaighinn san referendum air an 18mh là den t-Sultain.

Tha an dà thaobh san deasbad mu neo-eismeileachd na h-Alba aontaichte Diluain, 's an aon teachdaireachd a' tighinn bho Bu Chòir agus Nas Fheàrr Còmhla.

'S e sin: Dèanaibh cinnteach gu bheil sibh clàraichte airson bhòtadh.

Tha am pròiseas clàraidh a' dùnadh aig meadhan-oidhche Dimàirt.

Mar-thà, tha còrr is 4.1 millean neach an Alba clàraichte airson bhòtadh air an 18mh là den t-Sultain, ach do dhuine sam bith nach eil fhathast clàraichte agus a tha ag iarraidh bhòtadh, tha an ùine a' fàs gann.

Do dhuine sam bith a th' airson baileat fhaighinn, feumaidh foirmichean-clàraidh a bhith aig oifisean taghaidh ionadail ro mheadhan oidhche Dimàirt.

'Cruaidh iomairt'

Thuirt Rùnaire Dùbhlanach na h-Alba, Mairead Curran: "Chan eil ach 17 làithean air fhàgail mus bhòt Albannaich anns an referendum mu neo-eisimeileachd do dh'Alba, agus tha mòran dhaoine mar-thà air bhòtadh sa phost.

"Tha dà bhliadhna de dh'obair gus a thighinn gu crìch le cola-deug de chruaidh iomairt airson a h-uile bhòt a bhuannachadh. Anns a' chola-deug sin, bidh am Pàrtaidh Làbarach a-rithist a' mìneachadh na th' againn san amharc airson àm ri teachd na h-Alba.

"Tha mi air a bhith an sàs ann am poileataigs na h-Alba airson 40 bliadhna, ach chan eil seo coltach ri iomairt sam bith anns an robh mi an sàs roimhe. Tha sin air sgàth 's cho fìor chudromach 's a tha e."

Clàraich

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond: "Le dìreach 17 làithean de dh'iomairt air fhàgail, chan eil ach 24 uairean air fhàgail do dhaoine a tha airson bhòtadh ach nach eil fhathast air a' chlàr-bhòtaidh, airson clàradh gus pàirt a ghabhail san là a dhearbhas na tha an dàn do dh'Alba.

"Tha an fhìrinn mu bheartas na h-Alba a' ruigsinn dhaoine agus choimhearsnachdan air feadh na dùthcha, 's iad air fàs mothachail mun bheartas de chothroman an lùib bhòt Bu Chòir.

"Tha na ceudan mhìltean de dhaoine, nach do bhòt a-riamh roimhe, air ùidh a shealltainn anns an deasbad as inntinniche, as com-pàirtiche agus as cumhachdaiche ann an eachdraidh phoileataigeach na h-Alba."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile