"Eaconamaidh nan Cothroman" a th' anns an RA

  • 28 An Lùnasdal 2014
Daibhidh Camshron Image copyright AP
Image caption Bidh Coimisean an Taghaidh a' cumail sùil air a' cho-labhairt, feuch nach bris e riaghailtean cosgais.

Innsidh am Prìomhaire Daibhidh Camshron do cheannardan gnothachais ann an Glaschu gur e "eaconamaidh nan cothroman" a th' anns an RA, a tha a' cumail taic ri millean cosnadh Albannach.

Bruidhnidh am Prìomhaire ri co-labhairt an CBI nas fhaide den là, ag ràdh gur e an RA "tè de na margaidhean singilte as soirbheachaile".

Tha an òraid aige a' tighinn sna seachdainean mu dheireadh de dh'iomairt an referendum.

Thug Prìomh Mhinistear na h-Alba dùbhlan do Mhgr Camshron aon chumhachd ùr ainmeachadh a dheadh a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba ma bhòtas an sluagh an aghaidh neo-eisimeileachd agus a leigeadh leotha obraichean a chruthachadh.

Margaidh mhòr

Tha dùil gun can Mgr Camshron san òraid aige: "'S e seo tè de na margaidhean singilte as sine agus as soirbheachaile san t-saoghal.

"Bidh Alba a' dèanamh a dhà uimhir de mhalairt ris a' chòrr den RA 's a bhios i a' dèanamh ris a' chòrr den t-saoghal gu lèir - malairt a tha a' cumail taic ri millean cosnadh Albannach.

"Chan ann gun adhbhar a tha seo a' tachairt. Tha e a' tachairt ri linn chomasan muinntir na h-Alba, agus na cothroman a tha a' tighinn an lùib a bhith mar phàirt de rudeigin nas motha.

"Margaidh mhòr aig an taigh, le taic bho airgead choitcheann, cìsean coitcheann, riaghailtean coitcheann, gun chrìochan, gun chosgaisean thar-crìche, gun casg air gluasad bathair, airgid no daoine. 'S e a th' againn dha-rìribh, eaconamaidh nan cothroman."

Thug Coimisean an Taghaidh rabhadh don CBI gun cumar sùil air a' cho-labhairt aca, feuch nach bris iad na riaghailtean a thaobh cosgais fhad 's a tha iomairt an referendum a' dol.

Bhreithnich an Coimisean gur e obair iomairt a th' anns an dìnnear, seach gu bheil dùil gun cuir am Prìomhaire dìon air an Aonadh na òraid.

Chaidh a dhearbhadh don Choimisean nach cosg an tachartas nas motha na £10,000, agus ri linn sin chan fheum iad clàradh mar bhuidhinn-iomairt oifigeil fo na riaghailtean cosgais.

Na bu tràithe den bhliadhna, chlàr an CBI mar bhuidhinn-iomairt oifigeil air taobh Nas Fheàrr Còmhla, ach chuir iad à den bhallrachd sin an dèidh do grunn bhall an cuid ballrachd a tharraing ri linn.

"Roghainn shoilleir"

Aig a' cheart àm, tha Ailig Salmond air mìneachadh a dhèanamh air sia cumhachdan a bhiodh aig a' Phàrlamaid Albannaich fo neo-eisimeileachd, a leigeadh leatha obraichean a chruthachadh san dùthaich.

  • Smachd air siostam cìse gnìomhachais
  • Smachd air cùisean ionmhais
  • Smachd air Cìs an Luchd-siubhail Adhair
  • Smachd air poileasaidh fastaidh
  • Smachd air poileasaidh mhalairt
  • Smachd air poileasaidh in-imreachd

Anns an deasbad telebhisein eadar am Prìomh Mhinistear agus ceannard Nas Fheàrr Còmhla Alasdair Darling, a chaidh a chraoladh air a' BhBC, dh'iarr Mgr Salmond air Mgr Darling trì cumhachdan ùra gus cosnaidhean a chruthachadh a gheibheadh Holyrood mar phàirt den RA ainmeachadh.

A' cur dùbhlan den aon sheòrsa mu choinneimh a' Phrìomhaire, thuirt Mgr Salmond: "Feumaidh am Prìomhaire an turas aige a dh'Alba a chleachdadh airson innse dè na cumhachdan a bharrachd a tha Westminster a' gealltainn do dh'Alba, a leigeadh le gnìomhachasan ann an Alba togail a thoirt don eaconamaidh agus do dh'fhastadh dhaoine.

"Ma dh'fhailigeas air sin a dhèanamh, 's e roghainn shoilleir a tha romhainn - bhòtadh Bu Chòir, a tha a' dearbhadh nan cumhachdan a tha a dhìth air companaidhean agus luchd-gnothachais na h-Alba airson cosnaidhean agus cothroman do ghinealaichean de dh'Albannaich a tha ri thighinn a chruthachadh, no bhòt Cha Bu Chòir, às nach tig buannachd sam bith do dh'Alba.

"Chan e slat draoidheachd a th' ann an neo-eisimeileachd, ach le eaconamaidh fharsainn, goireasan mòra nàdarra agus luchd-obrach fìor-fhoghlamaichte, tha bun-stèidh sheasmhach againn air an tog sinn dùthaich nas soirbhicheile, agus sòisealtas nas cothromaiche."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile