Cothrom ùr do bhreabadairean

  • 27 An Lùnasdal 2014
Clò Hearach
Tha Urras Coimhearsnachd Tuath-ghaoithe Mhuaitheabhail ag ràdh gur e deagh naidheachd a tha seo do bhreabadairean agus dhan ghnìomhachas san fharsaingeachd.

Thèid trì obraichean ùra a chruthachadh ann an gnìomhachas a' Chlò Hearaich is urras coimhearsnachd a' dol a cheannach trì beartan a leigeas iad a-mach air iasad.

Bidh na beartan a cheannaicheas Urras Coimhearsnachd Tuath-ghaoithe Mhuaitheabhail a' dol gu breabadairean ùra anns a' Phàirc, ann an Ceann an Loch, agus Ceann a Tuath na Hearadh.

Tha e air a bhith doirbh is daor do dhaoine beartan a cheannach iad fhèin.

Fon sgeama seo gheibh iad beart air iasad bho Urras Coimhearsnachd Tuath-ghaoithe Mhuaitheabhail is faodaidh iad na h-uimhir a phàigheadh air ais às dèidh dhaibh tòiseachadh air an obair.

Roinn

Tha an t-urras os cionn mar a thèid airgead bho thuath-gaoithe na Beinn Moire ann an Ceann a Deas nan Loch a roinn sa choimhearsnachd.

"Tha sinne mothachail gu bheil airgead againn agus gu bheil daoine ann a chuireadh feum air cuideachadh agus bha sinne a' faicinn bhreabaidearan a' freagairt sin", thuirt Cathraiche Urras Coimhearsnachd Tuath-ghaoithe Mhuaitheabhail, Iain MacÌomhair.

"Chan e a-mhàin gun cuidicheadh e breabadairean anns an sgìre ach cuideachd an Clò Hearach.

"Tha e a' ciallachadh gu bheil sinn a' dèanamh feum den airgead, a' cruthachadh obraichean agus a' dèanamh feum dhan choimhearsnachd, an àite a bhith a' dèanamh feum dhan bhanca", thuirt e.

Thuirt Mgr MacÌomhair gur e cothrom a tha seo do dhaoine a tha eòlach air a' ghnìomhachas mar thà agus feadhainn a tha airson tòiseachadh ann.

Leudachadh

Dh'innis e cuideachd gum bi cothrom ann leudachadh air an sgeama seo agus taic a chur ri pròiseictean eile an uair a bhios an tuath-gaoithe deiseil agus ag obair.

"Bhiodh sinn ann an suidheachadh tòrr na b' fheàrr nam biodh càbal a' tighinn tarsainn air a' chuan agus gum faiceadh sinn tuath-gaoithe a' dol an-àirde.

"Tha sinne ann an sheo le airgead agus cha deach càil a chur dhan talamh fhathast is mar sin chan e rud a th' ann a mhaireas mar bu mhiann leinn, ach aig an ìre seo, an t-airgead a th' againn, tha sinn ga chur gu feum.

"Chan eil ann ach toiseach-tòiseachaidh. Nan tachradh an tuath-gaoithe agus am màl a gheibheadh sinn, bheireadh sin sinn gu ìre", thuirt e.