Ministear ùr ann an Càrlabhagh

  • 26 An Lùnasdal 2014
An t-Urramach
Image caption Ministear ùr Chàrlabhaigh, an t-Urr. Tòmas Davis.

Chaidh ministear ùr a phòsadh ri coithional na h-Eaglaise Saoire ann an Càrlabhagh.

Tha an t-Urr. Tòmas Davis air a' Ghàidhlig ionnsachadh agus tha e an dòchas a bhith a' searmonachadh sa chànan.

Thuirt e gu bheil e den bheachd gu bheil e cudromach gum bi searmoin anns a' Ghàidhlig.

"S àbhaist dha seirbheis Ghàidhlig a bhith againn aon uair sa mhìos agus tha mi ag iarraidh cumail a' dol le sin.

"Tha Beurla aig a h-uile duine, ach tha àite aig a' Ghàidhlig fhathast. Gu sònraichte na daoine aosta, nuair a tha thu a' bruidhinn sa Ghàidhlig tha iad gu math taingeil agus mar an ceudna, tha tòrr chlann a' dèanamh Gàidhlig san sgoil.

"Beò"

"Tha Gàidhlig beò fhathast an seo," thuirt e.

Thuirt Mgr Davis gu bheil e fhèin glè thaingeil 'son gach taic a fhuair e leis a' chànan.

"Tha a h-uile duine a' tuigsinn gu bheil mi ag ionnsachadh Gàidhlig, 's tha iad foighidneach is fhuair mi tòrr misneachd bhon a h-uile duine," thuirt e.

Thuirt Mgr Davis gun robh e mothachail gun robh an Eaglais Shaor ann an Càrlabhagh a' dèanamh tòrr sa choimhearsnachd, 's thuirt e gu bheil e airson leantainn leis an obair sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile