Rannsachadh nan eun ga chàineadh

  • 26 An Lùnasdal 2014
Eun Image copyright RSPB
Image caption Chaidh 22 eun-creachaidh fhaighinn marbh anns an Eilean Dubh na bu tràithe am-bliadhna.

Rinn tè a tha ag iomairt mu mar a bhàsaich 22 eun-creachaidh anns an Eilean Dubh càineadh air an rannsachadh mun ghnothach.

Chaidh closaichean 6 clamhain agus 14 clamhain-ghobhlach a lorg na bu tràithe am-bliadhna agus sheall sgrùdadh gun deach feadhainn dhiubh a phuinnseanachadh.

Thuirt Andrea Goddard, a tha ag obair gu saor-thoileach aig Ionad nan Clamhan Gobhlach ann an Tollaidh faisg air Inbhir Pheofharain, nach robh rannsachadh nam Poileas èifeachdach.

"Nam bheachd-sa cha deach na Poilis an sàs sa chùis luath gu leòr. Bha ùine gu leòr aig as bith cò rinn seo gus cur às dhan fhianais", thuirt i.

Tha i air ath-chuinge le cha-mhòr 7,000 ainm a thoirt do Mhinistear na h-Àrraineachd, Pòl Wheelhouse, is i a' cumail a-mach gum bu chòir an lagh atharrachadh.

Aig an ìre seo faodaidh an SSPCA a dhòl an sàs a-mhàin ma tha beathach sam bith a' fulang is chan eil cead aca gnothach a ghabhail ri cùisean nuair a tha beathaichean air bàsachadh.

Atharrachadh

Bu chòir sin atharrachadh, tha i ag ràdh, gus am biodh cead aig an SSPCA sgrùdadh a dhèanamh air closaichean.

Tha i den bheachd gun leigeadh sin an uair sin leotha na poilis a chuideachadh len rannsachadh fhèin.

Thuirt i gu bheil eòlas farsaing aig an SSPCA a bhiodh gu buannachd nam Poileas.

"Nam biodh an SSPCA an sàs ann an cùis nan clamhan, dh'fhaoite gum biodh iad air a dhol an sàs na bu luaithe agus air togail air cho mòr 's a bha an eucoir seo", thuirt i.

Thig an co-luadar poblach a tha an-dràsta ga dhèanamh air an lagh a thaobh eucoir fiadh-bheatha gu ceann Diluain an 1mh den t-Sultain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile