Barrachd feumach air taic aig tuath

  • 25 An Lùnasdal 2014
Ionad-obrach Image copyright PA
Image caption Tha a' Chomhairle a' meòrachadh air buaidh atharrachaidhean ann an siostam nan sochairean sòisealta.

Tha barrachd dhaoine air a' Ghàidhealtachd a' cur feum air cuideachadh bho chaidh atharrachaidhean ann an siostam nan sochairean sòisealta a chur an sàs, a rèir aithisg a thèid air beulaibh Comhairle na Gàidhealtachd Diciadain.

Thòisich Siostam a' Chreideis Choitchinn ann an Inbhir Nis san t-Samhain 2013, a' chiad turas a chaidh an sgeama fheuchainn an Alba.

Chaidh an socair ùr an àite sia a bh' ann roimhe, agus daoine a-nise a' faighinn aon shùim airgid turas sa mhìos.

Chaidh am Pàigheadh Pearsanta Neo-Eisimeileach (PIP) a chur an àite Sochair nan Ciorramach sa Ghiblean 2013.

Nas cothromaiche

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil an siostam a-nise nas cothromaiche.

Fhuair sgrùdadh a rinn Comhairle na Gàidhealtachd am measg dhaoine a tha a' faighinn Sochair a' Chreideis Choitchinn ge-tà, gu bheil cuibhreann math dhiubh a tha feumach air taic gus an siostam ùr a làimhseachadh.

Beachdaichidh a' Chomhairle air ciamar as urrainn dhaibh an tuilleadh taic a thoirt seachad.

A rèir stiuiriche ionmhais na Comhairle, Derek Yule, tha dàil mhòr anns an t-siostam ùr PIP gu sònraichte.

Feitheamh

Tha e ag ràdh gu bheil cuid air a' Ghàidhealtachd a' feitheamh suas ri naoi mìosan mus faigh iad na sochairean aca.

'S e cho fada 's a tha e a' toirt dha na companaidhean Atos Healthcare agus Capita Business Services measaidhean a dhèanamh air tagraichean as coireach airson na dàil, a rèir na Comhairle.

Tha an aithisg cuideachd a' mìneachadh mar tha bancaichean-bidhe a' sìor dhol am meud air a' Ghàidhealtachd.

Dh'fhosgail feadhainn am-bliadhna ann an Inbhir Pheofharain, Inbhir Narann, Alanais is Inbhir Ghòrdain agus Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, a' fàgail gu bheil 10 dhuibh a-nis air a' Ghàidhealtachd uile gu lèir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile