Corp ga lorg ann an Rùm

  • 25 An Lùnasdal 2014
Rùm Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaidh iomairt-teasairginn a thòiseachadh ann an Rùm Disathairne is fear-coiseachd a dhìth sa bhaile.

Chaidh corp fireannaich a lorg ann an Eilean Rùm Didòmhnaich.

Bha na seirbheisean-èiginn air iomairt a chur air dòigh san eilean madainn Disathairne is fear-coiseachd a bha suas ann am bliadhnaichean air a dhol a dhìth.

Bha Maoir-chladaich Steòrnabhaigh, Bàta-Teasairginn Mhalaig agus Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair agus na poilis an lùib na h-iomairt.

Dhearbh na poilis oidhche Dhòmhnaich gun deach corp fireannaich a lorg air cliathach beinne is coltas ann gun robh an duine air tuiteam.

Chaidh fios a leigeil gu a theaghlach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile