Sgeama chumhachd mara sa Chaol Arcach

Turbain Dh'fhaodadh gun tèid suas ri 269 turbain a chur air grunnd na mara.

Tòisichidh obair nas fhaide air a' bhliadhna air tè de na pròiseactan as motha air an t-saoghal a chleachdas cumhachd na tìde-mhara airson dealan a chruthachadh.

Chaidh £50m de thaic-airgid a ghealltainn do sgeama MeyGen sa Chaol Arcach, le £20m den airgead a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air taic luach £10m a thoirt seachad.

Dh'innis a' chompanaidh Atlantis Resources, a tha os cionn na sgeama, gun tèid suas ri 269 turbain a chur air grunnd na mara.

Tha Oighreachd a' Chrùin, air a bheil uallach airson grunnd na mara san RA, cuideachd air £10m a chur ris a' phròiseict, a chruthaicheas dealan gu leòr airson 175,000 dachaigh.

Grunnd na mara

Anns a' chiad ìre den sgeama, thairis air an ath dhà bhliadhna, thèid ceithir turbain a chur san uisge.

Ro 2020, tha dùil gum faodadh 61 turbain a bhith an sàs, a' cruthachadh dealain gu leòr airson 42,000 dachaigh.

Thuirt Ceannard na pròiseict, Tim Corneilius, gu bheil e pròiseil gur iad Atlantic a' chiad chompanaidh a leasaicheas an leithid seo de phròiseict gu soirbheachail.

Tha Atlantic Resources air a ràdh gu bheil cor na tìde-mhara "sònraichte math" sa Chaol.

Turbain Air a' cheann thall, tha dùil gum bi an sgeama comasach air dealan a chumail ri 175,000 dachaigh.

Air a' cheann thall, tha dùil gum bi an sgeama - 398MW, 269-turbain - comasach air dealan a chumail ri 175,000 dachaigh.

Bhiodh mu 100 neach-obrach a dhìth airson an sgeama a chumail a' dol.

Ùr-ghnàthach

Thuirt Ministear Chumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, gun robh "planaichean ùr-ghnathach agus brosnachail" gan toirt beò.

Thuirt e: "Tha ar miann adhartais a thaobh cumhachd na mara ann an Alba fhathast mòr.

"Tha a' phròiseict seo sa Chaol Arcach a' toirt ar miann adhartais chun na h-ath-ìre, 's tha e a' neartachadh cliù na h-Alba mar cheannard a thaobh a bhith a' cur teicneòlais ath-nuadhachail an gnìomh."

Thuirt Ministear Chumhachd na RA, Ed Davey, gun cuireadh a' phròiseict seo Alba agus an RA "air a' mhapa mar cheannard a thaobh teicneòlais mhara".

"Tha e coltach gum biodh cumhachd na mara comasach air còrr is 20% de dhealan na RA a sholarachadh, agus gum faodadh Meygen a bhith na thoiseach-tòiseachaidh do phròiseactan eile sa Chaol Arcach."

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.