Fàrmasachd nas fheàrr sna h-Eileanan Siar

Gheibh muinntir nan Eilean Siar cothrom nas fheàrr air cùram fàrmasach.

Mar phàirt de sgeama phìleat a mhaireas bliadhna, bidh neach-fàrmasaidh ag obair còmhla ri ionadan dotair air feadh nan Eilean Siar.

Cosgaidh an sgeama, a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba, £62,000.

Bidh dotairean ionadail a' toirt seachad chungaidhean-leighis mar thà.

Bidh aire shònraichte na sgeama air euslaintich le tinneasan san ùine fhada, agus feadhainn a tha a' cur feum air farsainneachd de chungaidhean.

Chan eil ach trì fàrmasaidhean coimhearsnachd anns na h-Eileanan aig an ìre seo, agus iad uile faisg air, no ann, Steòrnabhagh.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.