Corp an Eilein Sgitheanaich ga h-ainmeachadh

  • 22 An Lùnasdal 2014

Tha na Poilis air boireannach a chaidh a lorg marbh san Eilean Sgitheanach Didòmhnaich seo chaidh ainmeahcadh.

B' i Mairead Pratt, a bha 52, agus a bha a' fuireach ann am Port Rìgh.

Chaidh a corp a lorg faisg air a' chladach ann an Hunagladair air taobh a tuath an eilein.

Thuirt na Poilis nach eil dad amharasach mu a bàs.