Trioblaid nan taighean falamh

Comhairle na Gàidhealtachd Tha còrr is 12,000 taigh air Ghàidhealtachd leis a' Chomhairle.

Tha trioblaid aig Comhairle na Gàidhealtachd le taighean comhairle a tha falamh nas fhaide na dh'iarradh iad, gun duine a' pàigheadh màl orra.

'S e targaid na Comhairle nach biodh taigh falamh nas fhaide na 35 làithean, ach chan eil an t-ùghdarras a' tighinn air an targaid sin, agus tha iad air buidheann ùr a stèidheachadh a dh'fheuchas ri sin a chur ceart.

"'S e ceist, tha mi a' smaoineachdainn, a tha ron a h-uile comhairle a tha seo," thuirt Pròbhost Inbhir Nis, Ailig Greumach.

"Tha daoine an còmhnaidh, mar a bhiodh dùil, ag iarraidh taighean a bhios falamh a thighinn air ais agus a bhith air an cleachdadh a-rithist cho luath 's is urrainn.

Sgioba

"Gu mì-fhortanach chan eil sinne buileach an dèidh a bhith a' coileanadh nan targaidean.

"Tha iomadach adhbhar air am bi taigh falamh, mar eisimpleir ma tha feum air obair a dhèanamh ris, tha sin gu math cumanta.

"Uaireannan chan eil tòrr iarrtais anns an sgìre. Chan eil sin buileach cho cumanta.

"Uaireannan 's dòcha nach gabh a' chiad duine air an deach a thabhairt, no an dàrna duine, bithear a' dol 's dòcha tro thriùir no ceathrar mus bi teaghlach ann a bhios deònach an taigh sin a ghabhail.

"Tha a h-uile càil a tha sin còmhla ri chèile a' ciallachadh gum bi dàil a' tighinn anns a' phròiseas, agus gu bheil e a' cur air ais an là far a bheil cuideigin ùr a-staigh san taigh 's a' pàigheadh màl," thuirt e.

Fòcas

Cho-dhùin a' Chomhairle Sgioba Mhanaidsearachd Bheàrnan a chruthachadh airson dèiligeadh ris an trioblaid.

"Tha mi a' smaoineachdainn gu bheil e follaiseach gur e cuspair a tha seo far am feumar barrachd fòcas a chur air.

"Tha timcheall air còrr is 12,000 taigh aig Comhairle na Gàidhealtachd - 4,000 an Inbhir Nis fhèin.

"Tha stoc mòr an sin, agus tha mi a' creidsinn gu bheil timcheall air 1,000 dhiubh a' tighinn falamh a h-uile bliadhna.

"Tha mi a' smaoineachdainn gur e am moladh a tha seo gus sgioba a chruthachadh far am bi fòcas acasan air taighean falamh anns gach sgìre den Chomhairle, 's a' feuchainn ri adhartas a dhèanamh agus an àireamh de làithean a bhios na taighean falamh a ghearradh sìos gu figear gu math nas lugha na tha e an-dràsta," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.