Dàil eile air leasachadh an t-Sròim

  • 21 An Lùnasdal 2014
Seach-rathad an t-Sròim
Image caption Chan eil a' chreag os cionn an rathaid seasmhach, agus bidh e dùinte gu tric.

Tha dàil eile air a' phròiseact airson fuasgladh maireannach fhaighinn air seach-rathad an t-Stròim.

Bha còir aithisg a chur mu choinneimh comataidh dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd Diardaoin.

Bha i a' dol a dh'innse na thàinig às a' cho-luadair phoblach a chaidh a chumail aig toiseach na bliadhna.

Ach dh'innis oifigearan nach robh an aithisg deiseil, rud a tha a' cur dragh air comhairliche na sgire, Audrey Nic na Ceàrdaich.

"Ann an dòigh 's e briseadh-dùil a th' ann nach eil an aithisg deiseil airson na comataidh an-diugh," thuirt i.

"Thuirt iad toiseach na bliadhna gum biodh an aithisg deiseil toiseach an t-Samhraidh, ach tha sinn a-niste san Lùnastal is chan eil e deiseil fhathast.

"Tha mi an dòchas gum bi an aithisg deiseil airson na h-ath-chonneimh.

"Mura bi i an seo, bidh mi a' faighneachd a-rithist carson," thuirt i.