Riaghailtean ùra mu fhrith-rathaidean

  • 21 An Lùnasdal 2014
Slighe ann an Achadh na Sìne
Fo riaghailtean ùra, dh'fheumadh uachdarain cead iarraidh bho chomhairlean airson frith-rathaidean a thogail air an cuid fearainn.

Chuir Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd fàilte air riaghailtean ùra a bheir barrachd smachd do dh'ùghdarrasan ionadail a thaobh frith-rathaidean air oighreachdan.

Fo riaghailtean ùra, dh'fheumadh uachdarain cead iarraidh bho chomhairlean airson frith-rathaidean a thogail air an cuid fearainn.

Tha luchd-glèidhteachais air a bhith a' strì fad bhliadhnaichean gus smachd nas làidire fhaighinn air far am faod oighreachdan frith-rathaidean garbh a chur air an cuid fearainn.

Thathas air a bhith a' gearain gu bheil e fada ro fhurasta do dh'uachdarain slighean ùra a ghearradh tron mhonadh.

Tha iad den bheachd gu bheil sgrios ga dhèanamh air an àrainneachd phrìseil.

Riaghailtean dealbhachaidh

Diciadain, dh'innis Ministear nan Ùghdarrasan Ionadail, Derek MacAoidh, gun tèid riaghailtean dealbhachaidh ùra, a bhios nas teanna, a chur an sàs.

Thuirt e gum bi cothrom aig ùghdarrasan ionadail beachd a thoirt air iarratasan den t-seòrsa seo.

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry: "'S e deagh naidheachd a bhios an seo agus bheir e ìre de smachd dhuinn air an t-suidheachadh, rud air an cuir muinntir nan coimhearsnachdan ionadail fàilte.

"Tha mi den bheachd gun toir seo air daoine smaoineachadh mu càite an cuir iad frith-rathaidean agus, cuideachd, bidh aca ri riaghailtean a leantainn, a' toirt barrachd dìon do dhaoine agus don àrainneachd."

Ro thràth

Chuir Comann Sreapaireadaireachd na h-Alba fàilte air an naidheachd, gu ìre. Bheachdaich iadsan gum bu chòir casg a chur air frith-rathaidean anns a' bhad.

Thuirt Caidreachas nan Uachdaran ge-tà, gu bheil feum mòr air na slighean seo, 's gu bheil an riaghaltas air sùil a thoirt air a' ghnothach ro thràth.

Thuirt a' bhuidheann Oighreachdan agus Fearann na h-Alba, ged a tha iad a' tuigsinn adhbhar a' mhinisteir gus siostam iarratais a chur air dòigh airson rathaidean prìobhaideach, gu bheil dragh orra nach eil fianais shusbainteach ann nach eil am poileasaidh a th' ann an-dràsta ag obair.