Poileasaidh ghunnaichean ga dheasbad aig Holyrood

  • 21 An Lùnasdal 2014
Oifigearan armaichte
Tha Poilis na h-Alba ag ràdh nach eil ach àireamh ghlè bheag de na h-oifigearan aca a' giùlain ghunnaichean nuair a tha iad an sàs ann an obair àbhaistich.

Thèid na dòighean-obrach aig cuid de dh'oifigearan poilis, a bhios a' giùlain ghunnaichean fhad 's a tha iad an sàs ann an obair làitheil, fon phrosbaig Diardaoin.

Bidh buill bho Chomataidh a' Cheartais aig Holyrood a' ceasnachadh an fheadhainn a tha a' dèanamh dà ath-sgrùdadh air a' phoileasaidh.

Tha Poilis na h-Alba ag ràdh nach eil ach àireamh ghlè bheag de na h-oifigearan aca a' giùlain ghunnaichean nuair a tha iad an sàs ann an obair àbhaistich.

A rèir na buidhne, 's e 275 oifigear a th' anns an t-suidheachadh sin, a-mach à còrr is 17,000 dhiubh san t-seirbheis.

Adhbhar iomagain

Ach, tha an suidheachadh seo na adhbhar iomagain do chuid, gu sònraichte ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, far a bheil comhairlichean airson cur às dhan dòigh-obrach seo uile gu lèir.

Tha am poileasaidh a-nis fo sgrùdadh aig Ùghdarras Phoileas na h-Alba (SPA) agus aig an t-Àrd-Inspector,Derek Penman.

Thèid esan a cheasnachadh le Comataidh a' Cheartais mu ciamar a tha an rannsachadh aige a' dol.

Nochdaidh Cathraiche an SPA, Vic Emery, mu choinneimh na comataidh cuideachd, 's dùil gum bi an t-Ùghdarras a' sireadh bheachdan an t-sluaigh air a' phoileasaidh - rud a dh'fhaodadh ceistean a thogail an e co-dhùnadh dòigh-obrach a tha seo, no suidheachadh a tha a' toirt buaidh air coimhearsnachdan.