'Bu chòir do dh'Alba an Not a chleachdadh'

  • 21 An Lùnasdal 2014
Airgead Image copyright Getty Images
Image caption Ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd, tha Riaghaltas na h-Alba airson 's gun cùm Alba an Not ann an aonadh-airgid leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha Insitùid Àdhaimh Mhic a' Ghobhainn air a ràdh gum bu chòir do dh'Alba neo-eisimeileach an Not a chleachdadh "gun chead na Rìoghachd Aonaichte".

Thuirt a' bhuidheann-sgrùdaidh neo-eisimeileach nach leigeadh Alba a leas banca coitcheann a dheadh mar urras air bancaichean, 's gur ann a bhiodh bancaichean na dùthcha nas fhaiceallaiche agus nas tèarainnte às aonais.

Thuirt Nas Fheàrr Còmhla gur e tubaist uabhasach a thigeadh às air a' cheann thall.

Tha iomairt Bu Chòir Alba ag ràdh ge-tà, gum bi aonta-airgid ann an dèidh neo-eisimeileachd.

Aonadh-airgid

Ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd, tha Riaghaltas na h-Alba airson 's gun cùm Alba an Not ann an aonadh-airgid leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Ann am planaichean an Riaghaltais, bhiodh Banca Shasainn fhathast ag obair mar phrìomh bhanca na h-Alba.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus na prìomh phàrtaidhean aig Westminster ag ràdh gun diùltadh iad an leithid.

Tha luchd an Aonaidh air a bhith a' cur ìmpidh air a' Phrìomh Mhinisteir, Ailig Salmond, 'Plana B' fhoillseachadh, leithid an Not a chleachdadh às aonais aonta foirmeil, airgead ùr Albannach a stèidheachadh, no tagradh a dhèanamh a dhol dhan Euro.

Tha Mgr Salmond aindeònach sin a dhèanamh, 's esan fhathast làidir den bheachd gun atharraich Riaghaltas na RA am beachd às dèidh na bhòt.

Aithisg ùr

Ann an aithisg ùr, tha Stiùiriche Rannsachaidh Institiùd Àdhaimh Mhic a' Ghobhainn, Sam Bowman, ag ràdh gum bu chòir do dh'Alba neo-eisimeileach an Not a chleachdadh às aonais aonta fhoirmeil leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha an t-Institiùd a' creidsinn gum biodh sin na b' fheàrr na an t-aonta foirmeil a tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh, agus na b' fheàrr na siostam an là an-diugh - taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.

A rèir na buidhne-sgrùdaidh, tha dùthchannan gun bhanca choitcheann, leithid Banca Shasainn, a' faicinn dol-a-mach nas ciallaiche bho na bancaichean aca fhèin.

Thuirt iad gun neartaicheadh an leithid siostam ionmhais na h-Alba, leis gum biodh bancaichean gu math nas fhaiceallaiche agus nas cùramaiche mun dòighean-obrach.

Diofar bheachdan

Tha iomairt an Aonaidh, Nas Fheàrr Còmhla, air a ràdh gur e tubaist a bhiodh ann nan glèidheadh Alba an Not gun aonta foirmeil leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt fear-labhairt: "Dh'adhbharaicheadh e gearraidhean gun choimeas a thaobh sgoiltean agus ospadal, agus bhiodh e a' ciallachadh nach biodh smachd sam bith againn air ìre an rèidh. Chuireadh sin cosgaisean suas a thaobh càirtean creideis, iasadan càr agus morgaidsean do theaghlaichean Albannach.

"Feumaidh Ailig Salmond Plana B a thaobh airgid fhoillseachadh."

Thuirt fear-labhairt do Bu Chòir Alba: "Faodaidh muinntir na h-Alba a bhith cinnteach às gum bi sinn a' cleachdadh an Not an dèidh bhòt 'Bu Chòir' agus gum bi aonadh-airgid ann.

"Tha na chanas luchd-iomairt 'Nas Fheàrr Còmhla' an-dràsta gu math diofraichte ris na chanas iad an dèidh bhòt airson neo-eisimeileachd.

"Chan eil iadsan airson 's gum bi smachd againn air ar n-àm ri teachd fhèin agus canaidh iad rud sam bith gus toirt air an luchd-bhòtaidh an cothrom a sheachnadh.

"Ach an dèidh neo-eisimeileachd, thèid aonadh-airgid a chur air dòigh seach gur e an roghainn as fheàrr agus as ciallaiche dhan chòrr den RA agus do dh'Alba."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile