Dùblachadh an A9 a' tòiseachadh tràth

  • 20 An Lùnasdal 2014

Tha dùil gun tòisich obair air a bhith a' dèanamh an A9 dùbailte eadar Peairt agus Inbhir Nis sia mìosan nas tràithe na bhathas a' sùileachadh.

Chaidh a thoirt air adhart ri linn 's gun deach airgead a shàbhaladh le pròiseact airson drochaid a chur thairis air Linne Fhoirthe.

Chaidh cùmhnant luach £50m airson còig mìle eadar Ceann na Creige agus Dail Radaidh a chur a-mach gu tairgse Diciadain.

Tha Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, an dòchas gun tòisich an obair an ceann bliadhna, agus gum bi am pàirt sin dhn rathad deiseil bliadhna gu leth às dèidh sin.

Bu chòir gum bi an obair gu lèir, a chosgas £3bn, a bhith deiseil ann an 2025.