Siostam ticead ùr do Chal Mac

  • 19 An Lùnasdal 2014
MV Finlaggan
Image caption Thuirt Cal Mac gu bheil an siostam a th' aca an-dràsta airson ticeadan a reic a' fàs seann fhasanta.

Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad a' toirt leasachaidh air siostam nan ticeadan agus clàraidh air loidhne.

Dh'aidich iad gu bheil an siostam a th' aca an-dràsta a' fàs seann fhasanta is gheall iad siostam ùr cho adhartach 's a ghabhas a chur na àite.

Thug iad cùmhnant trì bliadhna dhan chompanaidh Worldline, a dh'obraicheas còmhla ris a' chompanaidh Hogia gus an siostam ùr a thoirt gu buil.

Thuirt Cal Mac gu bheil an dà chompanaidh aig an ìre as àirde san Roinn Eòrpa a thaobh na h-obrach aca.

'S ann mar phàirt den chompanaidh Atos a tha Worldline.

Thuirt Àrd-Stiùiriche Chal Mac, Màrtainn Dorchester, gu bheil iad air iomadh duais a bhuannachadh a thaobh mar a tha iad a' dèiligeadh ri luchd-siubhail ach gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil dòighean ann seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad.

Dh'innis Mgr Dorchester gu bheil e a-nise àbhaisteach do luchd-cleachdaidh ticeadan a cheannach air loidhne agus le teicneolas fòn-làimhe is gum feum Cal Mac a ghluasad ri linn sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile